Teaghlach thè a chaidh a mharbhadh le làraidh le 'cridhean briste'
- Air fhoillseachadh
Dh'innis teaghlach boireannaich a chaidh a mharbhadh nuair a chaidh a bualadh le pàirt de làraidh do rannsachadh tubaist bhàsmhoir mun bhriseadh-cridhe a tha iad a' fulaing.
Bhàsaich Chloe Mhoireasdan, a bha 26, nuair a chaidh a bualadh le crann làraidh fhad 's a bha i a' coiseachd còmhla ri a màthair air cabhsair ri taobh an A82.
Chaidh binn 100 uair de thìde de dh'obair neo-phàighte a chur air dràibhear na làraidh, John O'Donnell, às dèidh dha a bhith air fhaighinn ciontach gun do dh'adbhraich e a bàs le bhith a' dràibheadh gun chùram.
Chaidh cuideachd a chasg bho bhith a' dràibheadh fad bliadhna.
Ann am brath-sgrìobhte a chaidh a leughadh aig an rannsachadh ann an Inbhir Nis, thuirt teaglach Ms Mhoireasdain, gum faodadh iad millean facal a sgrìobhadh ach nach biodh sin gu leòr airson mìneachadh buaidh a bàs.
Thuirt iad gun robh tòrr gaol aig mòran oirre.
Pian
Anns am brath-sgrìobhte dh'innis a piuthar mun bhuaidh a thug a bàs oirre agus air a pàrantan.
"Cha bu chòir do phàrant sam bith a phian fhulaing a tha a' tighinn an cois a bhith a' call leanabh, agus gun teagamh cha bu chòir dhaibh fhaicinn a' tachairt ann an doigh cho uabhasach agus a bha comasach a sheachnadh.
"Mar phiuthar Chloe, tha e a' bristeadh mo chridhe a' faicinn a' chràidh a tha mo phàrantan a' fulaing.
"Tha fios agam nach eil càil ann is urrainn dhomh a dhèanamh airson an slànachadh," thuirt i.
Thug an teaghlach taing do bhuill teaghlaich eile, caraidean agus a' choimhearsnachd ionadail airson an taic a tha iad air a thoirt dhaibh.
Chuala an rannsachadh bho thriùir luchd-fianais, an draibhear làraidh O'Donnell nam measg.
Bha an fhianais a' coimhead gu sònraichte ri staid na làraidh, an treanadh a fhuair O'Donnell bhon chompanaidh dhan robh e ag obair agus na sgrùdaidhean sàbhailteachd a dh'fheumas draibhearan a dhèanamh air làraidhean le crainn.
Chaidh an rannsachadh a stad chun na h-ath mhìos mus tig breith bhon t-Siorraidh, Ian Cruickshank, aig àm eile.