Ciad chobhair airson Ìle

Tormod MacFhionghain
Fo-thiotal an deilbh,

Rinn Tormod MacFhionghain cobhair air a nàbaidh Mary Knowles, 96, bho chionn ghoirid

  • Air fhoillseachadh

Tha planaichean ann an Ìle gus buidheann ciad chobhair a stèidheachadh an sin mar a tha air feadhainn de na h-eileanan eile.

Ann an cuid de shuidheachaidhean bidh daoine a' dèanamh seo gu neo-fhoirmeil mar-thà, mar a rinn Tormod MacFhionghain, a tha 80 e fhèin, bho chionn ghoirid.

Dhùisg Mary Knowles, 96, aon oidhche is i gu math meadhanach, ach bha i fortanach gun tàinig an nàbaidh aice, Mgr MacFhionghuin, ga cuideachadh gu math sgiobalta.

Bhrùth i am putan dearg a tha mu h-amhaich gus fios a chur air na seirbheisean sòisealta.

Thuirt Mary Knowles: "Thàinig Tormod anns a' bhad - càit' am faigheadh tu seirbheis de a leithid? Tha mi cho taingeil."

Fhuair Mgr MacFhionghuin fios aig 03:00m.

Bha e ag ràdh: "Chaidh mi sìos ga faicinn, bha i na suidhe anns an leabaidh agus chan fhaigheadh i air coiseachd airson na fòna agus bha i ok agus thug mi dhi deoch bhùirn agus bha i gu math.

Bha i mar sin na suidhe gus an tàinig an nighean aice, an Dr Knowles.

Mary Knowles
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Mary Knowles fìor thaingeil gun d' fhuair i taic bho Thormod MacFhionghuin.

Chan eil ach aon criutha carbad-eiridinn stèidhiche ann am Bogha Mòr agus bidh iadsan a' coimhead às dèidh Eilein Diùra cuideachd.

Le sin, tha planaichean ann a-nis airson buidheann de luchd ciad chobhair a stèidheachadh ann an Ìle, ged a tha iad aig ìre thràth fhathast.

Thuirt an Dr Chris Abel: "Feumaidh airgead a bhith air a thrusadh leis gum feum an uidheamachd gu lèir a bhith air a cheannach leis a' choimhearsnachd, leis a' bhuidhinn a bhios a' togail airgid, agus bidh gach baga èiginneach a' cosg timcheall air £1,200."