Dh'iarr companaidh bathair air Riaghaltas na h-Alba gun faraidhean aiseig a chur suas
- Air fhoillseachadh
Tha a' chompanaidh-làraidhean DFDS ag ràdh nach bi dol às aca ach na prìsean aca airson bathar a thoirt dha na h-Eileanan an Iar a chur suas a-rithist nuair a thèid faraidhean aiseig suas as t-Earrach.
Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba san Dàmhair gun èirich faraidhean air a' chosta an iar 10% bho dheireadh a' Mhàirt.
Bha DFDS a' freagairt nan gearanan a nochd bho chionn ghoirid mun bhuaidh aig àrdachadh sna prìsean lìbhrigidh acasan.
Thuirt aon bhùth ann an Uibhist gu bheil luchd-gnothachais air tìr-mòr air sgur a chur stuth thuca leis gu bheil cosgaisean giùlain air a dhol an-àirde cho mòr.
Bho choinn seachdain, dh'iarr BP nan Eilean Siar, Toruil Crichton, air Riaghaltas na h-Alba faraidhean ChalMac a reòthadh.
A-nis, tha a' chompanaidh a ghabh thairis a' chompanaidh D.R. MacLeod cuideachd a' cur ìmpidh air Riaghaltas na h-Alba ath-bheachdachadh air a' cho-dhùnadh faraidhean aiseig a chur suas.
Thuirt stiùiriche obair DFDS an Alba, Greg Van Hombergh: "Thàinig àrdachadh 8.7% air faraidhean aiseig sa Ghiblean 2024, agus tha dùil ri àrdachadh 10% sa Ghiblean 2025.
"Tha ar cosgaisean uile ag èirigh, le àrdachadh san Tuarastal Bith-beò Nàiseanta agus san Àrachas Nàiseanta bhon Ghiblean 2025."
Thuirt Mr Van Hombergh cuideachd gun tàinig cosgaisean a bharrachd orra on dhùin prìomh ionad giollachd bhradain an Steòrnabhagh.
Dh'fhàg sin, mhìnich e, gu bheil na làraidhean aca gu math tric falamh a' dol air ais gu tìr-mòr.
"Fàgaidh na cosgaisean a bharrachd a bhios ann nach bi rian nach tig àrdachadh air na tha e a' cosg stuth a thoirt gu eileanan na h-Alba, agus tha sinn ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba ath-bheachdachadh air an àrdachadh 10% air faraidhean a chur an gnìomh."