Dh'ainmicheadh fear motar-baidhg a bhàsaich an Gallaibh

Bhuineadh Luc Trainer, 18, do dh'Inbhir Ùige
- Air fhoillseachadh
Dh'innis na poilis gur e Luc Trainer, a bha 18 bliadhna a dh'aois, ainm an duine a fhuair bàs an dèidh dhan mhotar-baidhseagal aige bualadh ann an carbad eile ann an Gallaibh air a' mhìos a chaidh.
Chaidh Luc Trainer, a bhuineadh do dh'Inbhir Ùige, a mharbhadh faisg air Cladh Watten air am B874 air an 30mh den Ghiblean.
Tha fios aig a chàirdean air mar a thachair agus chaidh aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.
Chaidh fireannach eile, cuideachd aois 18, a chur an grèim an dèidh na tubaiste 's a shaoradh gus an dèanar tuilleadh rannsachaidh.
B' e motar-baidhg Yamaha liath agus Renault Clio dearg a bha an sàs san tubaist a thachair aig mu 22:25f.
Dh'iarr Poileas Alba air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh, brath a chur thuca.
Thuirt an Sàirdseant Calum MacAmhlaigh: "Tha sinn a' cumail taic ri teaghlach Chaluim aig an àm dhuilich seo. Tha iad gu mòr nar smuaintean."