Cùmhnant an Alfred air a leudachadh

- Air fhoillseachadh
Bidh an MV Alfred a' fuireach ann an lìonra ChalMac fad co-dhiù còig mìosan eile is a' chompanaidh air an t-aonta le Pentland Ferries a leudachadh gu deireadh na Dàmhair.
Ghabh CalMac an Alfred air màl an toiseach sa Mhàrt 2023.
Chaidh an t-aonta a leudachadh grunn thursan bhon uairsin.
"Tha mi toilichte a dhearbhadh gu bheil sinn air ainm a chur ri aonta le CalMac gus cùmhnant màil an Alfred a leudachadh gu deireadh na Dàmhair 2025," thuirt stiùiriche Pentland Ferries Helen Inkster.
Tha CalMac fhèin ag ràdh gun neartaich an Alfred an lìonra anns na mìosan ri tighinn.
- Air fhoillseachadh20 Am Màrt 2023
- Air fhoillseachadh9 An t-Iuchar 2024
- Air fhoillseachadh6 An Cèitean
Thuirt iad gu bheil iad a' beachdachadh air mar a thèid a cur gu feum is gun tèid fios a sgaoileadh a dh'aithghearr.
Tha an Alfred an-dràsta air an t-slighe eadar An Truthail is Eilean Arainn còmhla ris an Glen Sannox.
Thuirt CalMac gum fuirich i air an t-slighe sin gu Diciadain an 11mh den Ògmhios.
Tha iad an dùil gun till an MV Caledonian Isles gu seirbheis eadar Arainn is Àird Rosain an uairsin air an 12na den mhìos.
Tha an Caledonian Isles air a bhith a-mach à seirbheis bhon Fhaoilleach 2024.