Taigh-staile ùr do Thalasgair?

Taigh-staile ThalasgairTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Fo na planaichean dheadh na goireasan a th' air an làraich an-dràsta a leagail

  • Air fhoillseachadh

Tha companaidh mhòr dibhe am beachd ath-leasachadh a dhèanamh air taigh-staile Thalasgair san Eilean Sgitheanach.

Tha na planaichean aig Diageo aig ìre thràth, ach fomhpa dh'fhaodadh taigh-staile ùr a bhith air a thogail air an làraich ann an Càrrabost.

Thuirt Diageo gun deadh co-chomhairle phoblach a chumail mar phàirt de dh'iarrtas dealbhachaidh sam bith.

Thuirt iad ge-tà, nach eil planaichean deireannach sam bith aca a thaobh ionmhais 'son a' phròiseict.

Thuirt aithisg le Comhairle na Gàidhealtachd gum biodh "teicneòlasan seasmhach" nam pàirt den taigh-staile ùr, agus gun deadh na goireasan a th' ann a leagail.

Chaidh fios a chur air an ùghdarras ionadail mu na molaidhean, ann am pàipearan ris an canar Sanas Molaidh Tagraidh (PAN).

Thuirt Diageo gu bheil iad a' coimhead ri diofar roghainnean tro am faigheadh iad air an gnothachas aca a leudachadh.

"Bidh co-chomhairle phoblach na pàirt den PAN, ach aig an ìre seo chan eil planaichean cruaidh sam bith againn a thaobh ionmhais," thuirt labhraiche às leth na companaidh.

"Thèid fiosrachadh mun cho-chomhairle phoblach a sgaoileadh an ceann ùine, agus gheibh a' choimhearsnachd air sùil a thoirt air na molaidhean 's fios a chur air ais thugainn."