Cead aig an MV Corran tilleadh gu seirbheis

- Air fhoillseachadh
Fhuair an MV Corran cead tilleadh gu seirbheis às dèidh dhi teisteanas sàbhailteachd fhaighinn, a rèir Chomhairle na Gàidhealtachd.
Chaidh measadh a dhèanamh air an t-soitheach Diciadain agus tha i an-dràsta a' dèanamh air Loch Abar.
Thuirt an t-ùghdarras ionadail gu bheil iad an dòchas gu ruig i an sgìre oidhche Dhiardaoin agus gun till i gu seirbheis Dihaoine no Disathairne, às dèidh do rampaichean a bhith air an cur an sàs.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gum feum slighean chun an aiseig a bhith fosgailte agus dh'iarr iad air duine sam bith aig a bheil carbadan air am parcadh faisg air làimh an gluasad ro oidhche Dhiardaoin.