Loidhne-dealain ga deasbad

- Air fhoillseachadh
Thèid planaichean airson leasachadh mòr a dhèanamh air loidhne-dealain a tha a’ ruith bho Chille Chuimein gu ruige na h-Àirde Mòire san Eilean Sgitheanach a dheasbad aig comataidhean dealbhachaidh Comhairle na Gàidhealtachd Diciadain.
Tha feadhainn air dragh a thogail mun bhuaidh a dh’fhaodadh an loidhne ùr aig SSEN a thoirt air seallaidhean ann an cuid de dh’àiteachan, le còrr is 10,000 duine air ainm a chur ri athchuing a’ cur an-aghaidh na tha san amharc taobh Ghleann Eilg agus Caol Reatha.
Tha an loidhne a th' ann air a bhith ann còrr air 30 bliadhna, 's tha SSEN ag ràdh gu bheil i feumach air ùrachadh - gu h-àraid le pròiseactan ath-nuadhachail a th' air fàire feumach air loidhne leasaichte.
Tha iarrtas am measg cuid anns an Eilean Sgitheanach airson rannsachadh farsaing a dhèanamh chan ann a-mhàin air an leasachadh seo, ach cuideachd a' gabhail a-steach nan diofar thuathanasan-gaoithe a tha san amharc anns an eilean.
Tha cuid dhiubh sin gu math nas motha na an fheadhainn a th' ann an-dràsta, agus tha dragh ann mun bhuaidh a bhiodh aig na leasachaidhean seo uile gu lèir.
Thig an dà chomataidh dealbhachaidh aig Comhairle na Gàidhealtachd - Comataidh a' Chinn a Tuath agus Comataidh a' Chinn a Deis - còmhla feasgar Diciadain airson deasbad a dhèanamh air na planaichean airson na loidhne ùire.