Dragh gum bi sgrios air na h-ealain 's taic-airgid ga gearradh
- Air fhoillseachadh
Thuirt àrd-oifigear An Lanntair ann an Steòrnabhagh gun dèan gearraidhean ann an airgead nan ealan bho Alba Chruthachail cron mòr air ealain is cultar.
Nochd Sean Paul O'Hare a bheachd an dèidh mar a dhùin Alba Chruthachail an Stòras Fosgailte do Luchd-ealain Fa Leth agus dragh orrasan mu na gheibh iad de mhaoineachdadh bho Riaghaltas na h-Alba san àm ri teachd.
Chaidh £6.6m a ghearradh bhon bhuidseat aca ann an 2023.
Thuirt àrd-oifigear Alba Chruthachail, Iain Rothach, gun robh mì-chinnt mun bhuidseat a' ciallachadh nach gabhadh an co-dhùnadh seo a sheachnadh.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil dùbhlain mhòra ionmhais romhpa agus gum feum iad co-dhùnaidhean doirbh a dhèanamh, ach gun cùm iad orra maoineachadh susbainteach a chumail ri Alba Chruthachail.
Ach tha Sean Paul O'Hare a' toirt rabhadh gum bi roinn nan ealan an Alba air a sgrios as aonais taic-airgid phoblach a bharrachd.
Thuirt e nach eil barrantas ann gum faigh àiteachan mar An Lanntair, Taigh Chearsabhagh ann an Loch nam Madadh agus Eden Court an Inbhir Nis an taic a dh'fheumas iad airson cumail a' dol.
"Tha tagraidhean luach £87.5m ann airson taic-airgid luach £40m airson a h-uile buidheann ealain ann an Alba.
"Tha Riaghaltas na h-Alba ag amas air in-ionmhas luach £100m a thoirt seachad. 'S e sin a thuirt an seann Phrìomh Mhinistear, ach tha sinn feumach air £50m an-dràsta fhèin.
"Mura tachair sin bidh sgrios mòr air an roinn seo ron t-Samhain," thuirt Mgr O'Hare.
Tha Calum MacIlleathain air a bhith an sàs sna h-ealain Ghàidhlig fad iomadh bliadhna, agus b' e a' chiad chathraiche a bha air An Lanntair.
Tha esan den bheachd gun do rinn Riaghaltas na h-Alba mearachd mhòr nuair a chuir iad às do Chomhairle nan Ealan Albannach agus nuair a chaidh Alba Chruthachail a stèidheachadh na àite.
"Cha do dh'obraich e bhon chiad là," thuirt Mgr MacIlleathain.
"'S e an rud a bu mhotha a rinn Comhairle nan Ealan sa 50 bliadhna a bha iad ann gun do ghluais iad gu mòr à Dùn Èideann agus Glaschu.
"Chuir Alba Chruthachail an gleoc air ais agus 's e aon de na h-adhbharan gun deach Pròiseact nan Ealan a dhùnadh sìos bho chionn deich bliadhna.
"Chuir iad ann an dubh is geal e aig an àm; bha iad airson barrachd airgid a chosg ann an Glaschu agus Dùn Èideann," thuirt e.
A bharrachd air a' bhuannachd phearsanta a tha an cois nan ealan do daoine, tha Mgr MacIllleathain ag ràdh gu bheil na h-ealain a' cur gu mòr ri eaconamaidh na dùthcha.
"Tha an t-uabhas de bhuannachdan a' tighinn bho na h-ealain airson glè bheag de chosgais.
"Tha iomadach dùthaich air togail air an seo agus air a chur gu feum. Thòisich Alba agus Breatainn cha mhòr sa phrìomh àite nuair a thàinig e gu na h-ealain againn agus a' bhuannachd a bha agus a tha na chois air feadh an t-saoghail. Ach tha sinn air tuiteam air ais le cho beag de dh'airgead 's a tha sinn a' cosg air," thuirt Mgr MacIllleathain.
Ann am brath, thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad mar-tha a' cumail taic-airgid susbaintich ri Alba Chruthachail is gun lean iad orra le sin.
"Tha Rùnaire a' Chultair a' bruidhinn ri roinn nan ealan gu cunbhalach gus na gnothaichean a tha a' toirt buaidh air na h-ealain is mar as urrainn dhuinn dèiligeadh riutha a dheasbad", thuirt neach-labhairt an Riaghaltais.
"Cùmaidh sinn oirnn a' dèanamh gach rud as urrainn dhuinn gus dìon a chur air roinn nan ealan is a' chultair, a tha aig an ìre as àirde a th' ann.
"Tha sinn air na tha sinn a' cosg air na h-ealain is cultar àrdachadh am-bliadhna, mar a' chiad cheum nar gealltanas co-dhiù £100m a bharrachd a chosg air an roinn ro 2028/29", thuirt iad.
Mì-chinnt
Thuirt Alba Chruthachail gu bheil a' mhì-chinnt mu bhuidseatan a' fàgail nach robh dol às aca ach an Stòras Fosgailte do Luchd-ealain Fa Leth a dhùnadh, ged nach robh iad idir 'son sin a dhèanamh.
"Mar a tha h-uile duine a tha ag obair ann an roinn na h-ealain ann an Alba, tha sinn a' tuigsinn gu bheil fìor chuideam air an sporan phoblach," thuirt àrd-oifigear Alba Chruthachail, Iain Rothach.
"Ach tha sinn ag iarraidh cinnt bho Riaghaltas na h-Alba air buidseat san ùine-fhada, a' toirt a-steach an £100m a bharrachd a dh'fhoillsich an Riaghaltas san Dàmhair 2023, is gun fiosrachadh sam bith a bharrachd air nochdadh mu dheidhinn fhathast," thuirt e.
Dh'innis Alba Chruthachail cuideachd gu bheil An Lanntair a' faighinn taic-airgid leantainnich chun a' Mhàirt 2025.
Thuirt iad gu bheil modail maoineachaidh ùr bhon Ghiblean 2025 chun a' Mhàirt 2028.
Tha 281 buidheann air taic £87.5m iarraidh gach bliadhna, thuirt iad, le dùil ri co-dhùnadhaidhean air cò shoirbhicheas san Dàmhair am-bliadhna.
"Tha cuideam air na buidseatan againn is tha dùil againn nach bi e comasach ach cuid de bhuidhnean a rinn tagradh a mhaoineachadh," thuirt Mgr Rothach.
"Bidh na co-dhùnaidhean a nì sinn stèidhichte air a' bhuidseat a gheibh sinn bho Riaghaltas na h-Alba"