Iomairt a' leantainn gus deugaire a lorg
- Air fhoillseachadh
Tha iomairt Phoileas a' leantainn ann an Leòdhas feuch lorg fhaighinn air deugaire a tha a dhìth.
Chunnacas Aleksandr Benga, 16, mu dheireadh mu 08:45m Diluain faisg air a' chuibhle-uisge sa Ghearraidh Chruaidh ann an Steòrnabhagh.
Tha heileacoptair nam Maor-Cladaich agus bàta-teasairginn Steòrnabhaigh air a bhith an sàs san iomairt.
Tha na Poilis ag ràdh gu bheil dragh nas motha orra mu Aleksandr mar a thèid an tìde seachad, is iad ag ràdh nach eil e air uidheamachadh 'son na h-aimsire a th' ann.
Thuirt iad gu bheil oifigearan eile a' tighinn à tìr-mòr gus cuideachadh leis an iomairt.
Cead do stuth Facebook?
Tha stuth bho Facebook an lùib an artagail seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid dad a luchdachadh, thoireadh ‘s dòcha gun cleachd iad briosgaidean agus teicneòlas eile. Faodaidh tu na poileasaidhean aig Meta ‘son Facebook mu bhriosgaidean a leughadh, taobh a-muigh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus gabh thu ris. Airson coimhead air an stuth seo buail air ‘gabh ris agus lean air adhart’.
Thathas air iarraidh air muinntir an àite coimhead ann an seadaichean feuch an do ghabh e fasgadh bhon aimsir fhuar.
Nuair a chunnacas mu dheireadh e bha geansaidh bhèis agus dìons dhubh air, agus dh'fhaodadh cuideachd gun robh seacaid dhearg uime.
Thathas ag iarraidh air duine sam bith le fiosrachadh brath a chur air na Poilis air an àireimh fòna 101.
Thathas cuideachd ag iarraidh air daoine sùil a thoirt air dealbhan CCTV, dashcam no eile a th' aca air eagal is gu bheil Aleksandr a' nochdadh annta.