Seinneadair Sgitheanach ann an Talla Cliùiteach Ceòl Traidiseanta na h-Alba
- Air fhoillseachadh
Chaidh Anna Mhàrtainn, às an Eilean Sgitheanach, ainmeachadh ann an Talla Cliùiteach Ceòl Traidiseanta na h-Alba airson seinn agus airson òrain a chruinneachadh.
'S e a' bhuidheann Hands Up For Trad, a bhios a' togail ìomhaigh chiùil thraidiseanta ann an Alba, a chuir an t-urram air an t-seinneadair a tha stèidhichte ann an Tròndairnis.
Chaidh sia ceòlaidearan no còmhlain eile ainmeachadh airson sàr-obair a dhèanamh air an àrd-ùrlar, ann an teagasg, no a' glèidheadh chiùil th, taobh a-muighraidiseanta no airson beachdan ùra a chur air adhart., taobh a-muigh
Thuirt Anna Mhàrtainn nach robh dùil aice ris a leithid idir.
"'S e a bhith a' toirt nan òran sin a-mach air, cha b' ann air an àrd-ùlar ach fiù s anns na sgoiltean.
"A' tarraing dhaoine dha na seann òrain, 's e sin na h-uiread a tha mise a' feuchainn ri dhèanamh," thuirt i.
Chaidh Murchadh Dòmhnallach, Murchadh 'Wasp', nach maireann, a bha na sheinneadair agus a choisinn cliù mar chluicheadair bogsa-ciùil ainmeachadh anns an liosta.
Còmhla riutha-san, bha am pìobaire Richard Parkes MBE, an còmhlan JSD Band, an seinneadair Billy Jolly à Arcaibh, David Cunningham a tha a' cluiche a' bhogsa agus a tha an sàs ann an obair stiùidio airson ceòl a ghlèidheadh agus an seinneadair traidiseanta Sylvia Barnes.
Thèid an t-urram a bhuileachadh orra gu h-oifigeil aig tachartas sònraichte mar phàirt de Dhuaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba aig MG Alba.
Bidh a' chuirm ga cumail ann an Inbhir Nis air an 30mh den t-Samhain.