An Glen Sannox air a toirt seachad
- Air fhoillseachadh
Chaidh an MV Glen Sannox a thoirt seachad le Gàrradh MhicFheargais gu foirmeil.
Mar a tha siostam nan aiseagan ag obair, 's ann le CMAL a tha na bàtaichean is iad gan cur a-mach air màl gu CalMac.
Thug e sia bliadhna nas fhaide na bha dùil a togail agus chosg i na ceudan mhilleanan a bharrachd na chaidh tuairmse an toiseach.
Bha dùil gum biodh i air a toirt seachad ann an 2018, ach thàinig iomadh cnap-starra a thaobh dealbhachaidh agus togail, a dh'adhbharaich a' chonnspaid phoilitigeach as fhaide bho chaidh Pàrlamaid na h-Alba ath-stèidheachadh.
Dh'fhaodadh gum bi dà mhìos eile ann mus bi i deiseil airson luchd-siubhail a ghiùlain air slighe Arainn.
Thèid deuchainnean a dhèanamh thairis air grunn seachdainean a-niste airson 's gum fàs an criutha eòlach air an t-soitheach, 's dùil gum bi i a' giùlain a' chiad luchd-siubhail aice san Faoilleach.
Dh'èirich cosgaisean airson a' chùmhnaint bho £97 an toiseach gu còrr air £400m - £45m de dh'iasad bhon Riaghaltas na mheasg, nach deach fhaighinn air ais gu h-iomlan.
Tha i ga toirt seachad seachd bliadhna chun an là an dèidh dhi a bhith air a cur air bhog leis an t-seann Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, le uinneagan air am peantadh oirre, agus funailean air an dèanamh de dh'fhiodha.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh19 An t-Samhain