Naidheachdan 11:00m

Fo-thiotal a’ bhidio,

Naidheachdan 11:00m

  • Air fhoillseachadh

MV Glen Sannox

Chaidh an Glen Sannox a thoirt seachad do ChalMac gu foirmeil. Thug e sia bliadhna nas fhaide na bha dùil a togail, agus chosg i na ceudan mhilleanan a bharrachd na chaidh tuairmse an toiseach. Dh'fhaodadh gum bi dà mhìos eile ann mus bi i deiseil airson luchd-siubhauil a ghiùlain.

John Prescott

Bhàsaich an seann Leas-Phrìomhaire John Prescott aig aois 86. Dh'fhàg am Morair Prescott an sgoil aig aois 15. Bha e na stiùbhard soithich, agus fhuair e obraichean aig na h-aonaidhean mus d' fhuair e dreuchd aig cridhe riaghaltais Thony Blair. Bha uallach aige cuideachd airson diofar roinnean mar taigheadas, riaghladh ionadail agus an àrainneachd.

Sneachda

Tha na mìltean sgoilearan ann an ceann a tuath na h-Alba a' faighinn là far na sgoile ri linn an t-sneachda. Dhùin còrr agus 60 sgoil air a' Ghàidhealtachd, ann am Moireibh agus Siorrachd Obar Dheathain. Bha seirbheisean Stagecoach dheth fad greis den mhadainn ann an grunn sgìrean. Tha rabhadh buidhe mu shneachda agus deigh aig tuath a' leantainn gu 12:00f, agus tha an uair sin rabhadh eile an sàs mun aimsir Disathairne.

An Ucràin

Thuirt Roinn Dìon an Adhair aig an Ucràin gun deach ionnsaigh a thoirt air baile Dnipro ann an ear-dheas na dùthcha le urchair ballistic Ruiseannach - a' chiad turas a chaidh a leithid a chleachdadh sa chogadh. Seo an dèidh dhan Ucràin urchairean Aimeireaganach agus Breatannach a chleachdadh air targaidean taobh a-staigh na Ruis. Thuirt an Ruis sa mhadainn gun robh iad a' dèanamh na 's urrainn dhaibh cogadh niuclasach a sheachnadh.

Captain Tom

Thuirt aithisg le Coimisean a' Charthannais gun d' fhuair teaghlach Captain Sir Tom Moore a thog airgead aig àm Chovid faisg air £1.5m bho chùmhnant leabhair, ach gun do dhiùlt iad an t-airgead a thoirt dhan bhunait a chaidh a stèidheachadh na ainm. Thuirt an teaghlach nach robh an aithisg agus an dòigh a chaidh dèiligeadh riutha anns an sgrùdadh cothromach.

Glaschu

Thugar triùir fhireannach an grèim fo amharas gun robh buill-airm aca às dèidh do Stèisean Bhus Bhochanan ann an Glaschu a bhith air fhalamhachadh an-dè. Thuirt na Poilis gun deach an sgioba a bhios a' dèiligeadh ri spreadhaidhean a ghairm agus amharas ann mu phacaid. Ach an dèidh dhaibh a spreadhadh fo smachd fhuairear nach robh dad amharasach ann. Dh'adhbharaich e dàil mhòr ann am meadhan a' bhaile agus air seirbheisean còmhdhail phoblaich a-mach 's a-steach a Ghlaschu.