Deireadh na slighe dhan 'Heb Isles'
- Air fhoillseachadh
Às dèidh 39 bliadhna de sheòlaidhean air feadh costa an iar na h-Alba, tha an MV Hebridean Isles air an t-seirbheis mu dheireadh aice a dhèanamh.
Chuireadh am bàta air bhog ann an Selby ann an 1985 mus deach i ann an seirbheis do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn.
Bha i 15 bliadhna a' frithealadh an 'triangle' eadar Ùige an Eilean Sgitheanaich, Loch nam Madadh ann an Uibhist a Tuath agus An Tairbeart sna Hearadh.
On uairsin tha i air a bhith a' seòladh eadar Ceann na Creige agus Ìle, le greis gach bliadhna a' toirt taic do shlighean eile.
Bhiodh daoine ann an Arcaibh eòlach oirre cuideachd agus i a' seòladh eadar Stromness is Scrabster tràth anns na 2000an.
Bha i mu dheireadh air an t-seirbheis bathair eadar Steòrnabhagh is Ulapul is i a-nise gu bhith air a briseadh is CMAL, aig a bheil an soitheach, den bheachd gun cosgadh e cus dhaibh obair-càraidh a dhèanamh airson cead-sàbhailteachd ùr fhaighinn dhi.
Thèid tè de na soithichean a tha gan togail an-dràsta san Tuirc, an MV Isle of Islay, na h-àite air an t-slighe a dh'Ìle ged a tha dàil air sin agus dùil rithe an toiseach san Dàmhair.
Chaidh am bàta, a tha 85m a dh'fhaid, a thogail leis a' chompanaidh Cochrane's ann an Selby, Yorkshire a Tuath, a' chiad turas a-riamh a chaidh bàta Cal Mac a thogail taobh a-muigh Alba.
Bha a' chompanaidh ainmeil airson mar a chuireadh iad na bàtaichean aca air bhog - cliathaich an toiseach - agus bhiodh sluagh mòr a' tighinn a dh'fhaicinn nan làithean mòra sin, leithid an 4mh den Iuchar 1985 nuair a chaidh an 'Heb Isles' a-steach a dh' Abhainn Ouse an toiseach.
Dhùin an gàrradh ann an 1992, ach tha iomairt a' leantainn feuch pàirt den MV Hebridean Isles fhaighinn air ais dhan sgìre mar chuimhneachan air an eachdraidh fhada de bhith a' togail shoithichean.
Thogadh Ruairidh Moireasdan anns na Hearadh agus bha e mu dheireadh a' seòladh eadar a dhachaigh fhèin, an t-Eilean Sgitheanach agus Uibhist a Tuath mar sgiobair air an MV Hebridean Isles.
"Tha cuimhneachain mhath dha-rìribh agamsa air nuair a bha mi ag obair air an Hebridean Isles," thuirt e.
"A’ chiad rud, bha criutha math dha-rìribh againn eadar Hearaich, ’s dòcha gun robh Leòdhasaich ann cuideachd, agus Sgalpaich agus bha Sgitheanaich ann cuideachd.
"Bha i beagan seann-fhasanta ’s dòcha. Bha i fosgailte, nuair a bhiodh tu a’ toirt a’ bhàta ‘alongside’ bhiodh tu a’ fosgladh doras taigh na cuibhle agus bha thu a’ dol a-mach, ach dh’ fheumadh aodach math a bhith ort.
"Bha beagan uisge an còmhnaidh timchealh; cha robh mòran dhith anns na Hearadh, ach bhiodh anns an Eilean Sgitheanach.
"Bha i math dha-rìribh ann an droch shìde. Bha sinn air an t-slighe eadar Ùige agus an Tairbeart agus Loch nam Madadh. Ùige agus an Tairbeart bha e furasta gu leòr - chan fhaigheadh tu mòran muir, ach a’ dol a Loch nam Madadh le gaoth a deas agus i na gèile – tha mi bruidhinn air gèile – bha i gu math dona ach bha am bàta math air a làimhseachadh.
"Dh’fheumadh tu cumail do shùil ar dè bha thu a’ dèanamh, ’s dòcha gum feumadh tu a dhol sìos seachad air Loch nam Madadh rud beag airson ’s gum faigheadh tu an uairsin a’ ghaoth air an t-sliasaid aice agus a-staigh an uairsin a Loch nam Madadh - faighinn alongside is a different kettle of fish!"
A dh' andeoin gach moladh bhon t-seann sgiobair, tha na bliadhnaichean mu dheireadh air a bhith dùbhlanach dhan MV Hebridean Isles.
Thug obair-càraidh 10 mhìosan an-uiridh, le diofar thrioblaidean aice le a proipeilearan.
Fiù 's air an dearbh sheachdain a dh'innis Cal Mac san Lùnastal gun robh iad gu bhith stad a chleachdadh an t-soithich, bha i far na seirbheis air sgàth trioblaid le a bow-thruster.
Air an t-seachdain mu dheireadh aice ann an seirbheis an Alba, b'fheudar atharrachadh bho bhith a' seòladh air an oidhche gu bhith a' seòladh ann an solas an là ri linn thrioblaidean ràdar.
B' i an dàrna soitheach mòr a bu shine aig CMAL, leis an MV Isle of Arran 40 bliadhna a dh' aois, agus tha an MV Isle of Cumbrae - a tha dìreach 32m a dh' fhaid - air a bhith ann an seirbheis fad 48 bliadhna.
A dh'andeoin gach trioblaid, bha mòran luchd-siubhail agus gu leòr de luchd-obrach Chal Mac nach robh airson 's gum falbhadh an 'Heb Isles'.
Mhìnich Sgiobair a' bhàta san là an-diugh, Mìcheal Dalgaty, gum feumadh i falbh.
"Tha cosgais cho mòr an luib a bhith a' cumail a' bhàta," thuirt e.
"Tha e mar phàirt de bheatha bàta sam bith, mu dheireadh feumaidh iad uile falbh, coltach ri seann chàr. Mu dheireadh, thig an àm sin."
Tha an t-àm sin a-nis air tighinn dhan t-seann bhàta seo, agus i air a slighe a dh' Abhainn Chluaidh. Thèid pàirtean sam bith a tha oirrie a dh'fhaodadh a bhith gu feum air soitheach eile a thoirt a-mach àiste agus thèid an còrr ath-chuairteachadh.
An iomadh slighe a rinn an MV Hebridean Isles thar nan 39 bliadhna mu dheireadh a-nis, mu dheireadh, air tighinn gu ceann.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh2 An Lùnastal
- Air fhoillseachadh9 An Lùnastal