Deasbad às ùr mu ath-dhùsgadh na Gàidhlig an Cataibh

Inbhir Chirceig an Cataibh
  • Air fhoillseachadh

Thèid coinneamh a chumail anns an Luirg an ath-sheachdain a dh'fhaicinn an gabh càil a dhèanamh gus stad a chur air crìonadh na Gàidhlig ann an Cataibh.

Bha a' choinneamh gu bhith ann oidhche Chiadain an t-seachdain seo fhèin, ach chaidh a chur dheth leis an t-sneachda a thuit oidhche Mhàirt.

Thàinig am beachd gu bith às dèidh aithris a rinn BBC Naidheachdan air a' mhìos a chaidh mu staid na Gàidhlig san sgìre.

Bho chionn 100 bliadhna b' e Cataibh an t-siorrachd as làidire an Alba a thaobh na Gàidhlig, ach tha atharrachadh mòr air tighinn air cùisean san ùine sin.

Ged a sheall figearan a' chunntas-shluaigh a nochd sa Chèitean gun robh àrdachadh ann an luchd-labhairt na Gàidhlig aig ìre nàiseanta, cha robh fàs sam bith ann an Cataibh.

A thuilleadh air sin, chan eil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a-nise ri fhaighinn san sgìre idir.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Aithris Alasdair MhicLeòid a phiobraich deasbad an Cataibh: A bheil Gàidhlig Chataibh a' dol à bith?

Às dèidh dhan aithris a dhol a-mach, thòisich deasbad às ùr am measg cuid san sgìre air mar a ghabhadh an crìonadh a th' air a bhith ann a stad is fàs às ùr a thòiseachadh, is chaidh duilleag Facebook air a bheil Gaelic in Sutherland, taobh a-muigh a chruthachadh.

Thathar a' coimhead ri suidheachadh a' chànain do dhaoine aig gach aois is dè tha an sluagh a' sùileachadh.

Mar phàirt den sin bidh deasbad ann air a bheil iarrtas ann 'son FtMG a thòiseachadh às ùr san sgìre, is a bheil barrachd ùidh aig ìre àrd-sgoile 'son Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh.

Thèid coimhead cuideachd air goireasan ionnsachaidh air-loidhne do dhaoine eile.

"Tha sinn an dùil bruidhinn air staid na Gàidhlig ann an Cataibh, agus cuideachd na rudan as urrainn dhuinn a chur air adhart airson beagan a bharrachd Gàidhlig a bhith againn an seo," thuirt Kirsty NicConnell à Drochaid a' Bhanna.

"'S dòcha a bhith a' bruidhinn ri pàrantan faic dè seòrsa ùidh a th' ann mu Ghàidhlig a bhith a' dol a-steach gu barrachd sgoiltean ma dh'fhaoidte.

"Chan eil mòran a' dol idir.

"Tha beagan sna bun-sgoiltean gu h-àraid air taobh tuath Chataibh, ach 's e Dòrnach an aon àrd-sgoil le Gàidhlig sam bith ann, agus 's ann airson luchd-ionnsachaidh a tha e", thuirt i.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Kirsty NicConnell à Drochaid a' Bhanna a' bruidhinn ri Angela NicIlleathain air Aithris na Maidne.

Tha an luchd-iomairt a' coimhead cuideachd air dòighean airson tachartasan Gaidhlig san sgìre a shanasachd.

Is ged nach eil an gnothach ach aig ìre gu math tràth, tha iad air am misneachadh le mar a tha a' dol dhaibh gu seo.

"Bha mo mhàthair airson feuchainn gum biodh àite ann airson fiosrachadh a chur suas gum biodh fios aig daoine càite am faigh iad fiosrachadh mu dè tha dol agus càite san sgìre," thuirt Kirsty NicConnell.

"Chuir i duilleag Facebook air dòigh agus tha ùidh mhòr air a bhith ann, agus daoine airson cuideachadh cuideachd.

"Tha sin uabhasach snog fhaicinn, agus tha sinn a' faicinn gu bheil ùidh aig daoine ann, 's ùidh aig pàrantan cuideachd.

Bidh a' choinneamh ann oidhche Chiadain san 27mh den t-Samhain sa Pier Cafe san Luirg aig 7f.