Thòisich pròiseact airson beul-aithris Shlèite a ghlèidheadh
- Air fhoillseachadh
Tha obair a' tòiseachadh an t-seachdain seo ann an Slèite an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich airson beul-aithris na sgìre a chruinneachadh agus a ghlèidheadh.
'S e luchd-obrach an leabharlainn aig Sabhal Mòr Ostaig, Colaiste Nàiseanta na Gàidhlig, a tha os cionn a' phròiseict air a bheil Stòras Shlèite.
Tha am pròiseact air taic-airgid fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig is Sabhal Mòr Ostaig.
Thairis air a' bhliadhna a tha romhainn bidh iad a' cruinneachadh sgeulachdan, òrain agus ghnàthasan-cainnt bho luchd-labhairt na Gàidhlig sa choimhearsnachd.
Thèid na chruinnicheas iad a chur ris an tasglann a th' aig an t-Sabhal Mhòr mar thà airson stòras dualchais air-loidhne a chruthachadh do mhuinntir an àite, luchd-oideachaidh agus duine sam bith aig a bheil ùidh ann an cànan agus cultar na Gàidhlig.
'S e Greg MacThòmais stiùiriche a' phròiseict agus Leas-mhanaidsear Leabharlainn Sabhal Mòr Ostaig.
“Uaireannan, bidh sinn a’ smaoineachadh air cruinneachaidhean beul-aithris mar stòras ann an tasglann gun fhios againn a bheil cead againn an cleachdadh.
"Ach 's e tha fa-near dhuinn sa phròiseact seo an t-eòlas sin a thoirt air ais do na daoine leis a bheil e," mhìnich e.
Thuirt Donnie MacFhionghain, Cathraiche air Iomairt Chamas Chros is Dhùisdeil: “Tha mi a’ smaoineachadh gun tèid am pròiseact ùisneachadh le iomadach duine is buidheann is bidh cothrom aca barrachd eòlais a chur air a’ cheàrnaidh àlainn seo den t-saoghal.
"Cuiridh am pròiseact ri tuilleadh leasachaidh anns an sgìre - mo bheannachd orra!"