'Feumaidh sinn sgoil ùr cho luath 's a ghabhas'

- Air fhoillseachadh
Tha pàrantan am Barraigh ag ràdh gu bheil feum air sgoil ùr san eilean cho luath 's a ghabhas is gearanan ann gu bheil clann is luchd-obrach aig Sgoil Bhàgh a' Chaisteil cho fuar is gum feum iad seacaidean a chumail orra san togalach.
'S e Comhairle nam Pàrant a thog na draghan is iad ag ràdh gu bheil clann cho mì-chofhurtail gu bheil e doirbh dhaibh an aire a chumail air an cuid obrach.
Dh'fhosgail an togalach a th' ann ann an 1985 is dh'innis Comhairle nan Eilean Siar cho fada air ais ri 2010 gun robh feum air a leasachadh.
Thuirt an t-ùghdarras ionadail gu bheil iad a' rannsachadh nan gearanan mu theas san togalach, is gu bheil iad gu mòr ag iarraidh ghoireasan foghlaim Bharraigh is Bhatarsaigh a leasachadh.
Dh'innis iad gun coinnich iad ri Rùnaire an Fhoghlaim, Jenny Gilruth, an ath-sheachdain gus bruidhinn air sgoil ùr do Bharraigh.
Tha plana gus sgoil ùr a thogail mar phàirt de Champas Coimhearsnachd Bharraigh is Bhatarsaigh, leasachadh a bhiodh a' toirt ri chèile goireasan foghlaim, slàinte is cùraim.
Tha mì-chinnt mhòr a' cuairteachadh nam planaichean sin ri linn dìth ionmhais.

Chaidh an sgoil fhosgladh le Teàrlach is Diana ann an 1985.
Thuirt Comhairle Pàrant Sgoil Bhàgh a' Chaisteil nach eil an suidheachadh a th' ann an-dràsta idir math gu leòr.
"Tha fios aig a h-uile duine gu bheil e doirbh do dhaoine fòcas a chumail nuair a tha iad fuar," dh'innis cathraiche na buidhne, Marion NicNèill.
"Tha seo cuideachd a' toirt buaidh air misneachd is dol a-mach na cloinne - tha cuid aca a' suidseadh dheth.
"A thuilleadh air sin, tha e a' bualadh air an luchd-obrach is na dòighean-teasgaisg aca. Tha sinn a' bruidhinn an seo air cuid de sheòmraichean le tuill ann am mullach an togalaich," thuirt i.
Dh'innis Marion NicNèill gu bheil e follaiseach gu bheil feum air togalach ùr is gu bheil a' choimhearsnachd air a bhith a' feitheamh fada ro fhada.
"Chan eil na seirbheisean san eilean math gu leòr is tha cruaidh fheum air ospadal ùr is goireasan ùra cùraim, ach mar phàrantan 's e sgoil am prìomhachas a th' againn.
"Feumaidh sinn sgoil ùr cho luath 's a ghabhas is tha sinn an dòchas gun tig naidheachd air choireigin a thaobh maoineachaidh às a' choinneimh an ath-sheachdain," thuirt i.
Ann am brath, thuirt a' Chomhairle gu bheil na goireasan aig Sgoil Bhàgh a' Chaisteil air a dhol bhuaithe fhad 's a chaidh dàil air pròiseact Champas Coimhearsnachd Bharraigh is Bhatarsaigh.
Thuirt iad gun coinnich àrd-oifigear is ceannard na Comhairle ri Jenny Gilruth air an 13mh den Dùbhlachd, is gu bheil iad an dòchas às dèidh sin gum bi e comasach gluasad air adhart leis a' phròiseact.
Alasdair Allan BPA a' bruidhinn mun t-suidheachadh air Aithris na Maidne.