Pàrtaidh mòr Alba aig Euro 2024 air stad le brag le call 5-1

A' Ghearmailt 3-0Tùs an deilbh, Reuters
  • Air fhoillseachadh

Ge bith dè bha dol ann am Munich ro làimhe, thàinig partaidh Alba sa Ghearmailt gu stad a-nochd is sgioba Julian Naglesmann a' buannachadh 5-1.

Bha aithrisean agus bhideothan air nochdadh bho Bhavaria fad na seachdaineach air cho math 's a bha luchd-taic Alba a' coimhead air adhart ri Euro 2024 ach cha do mhair sin ach deich mionaidean den fharpais.

Fhuair Florian Wirtz tadhal bho oir a' bhogsa agus bha an sluagh ann an oisein an stèideam sàmhach anns an spot.

Fhuair Jamal Musiala an dàrna tadhal às dèidh deich mionaidean eile, ach cha robh an seo ach ro-shealladh air cho dona 's a bha cùisean gu bhith do sgioba Steve Clarke.

Ron bhriseadh bha iad 3-0 air dheireadh agus le deichnear air a phàirce. Bha Ryan Porteous làn araidh air cairt dhearg airson droch ionnsaigh air İlkay Gündoğan. Kai Havertz gun mhearachd an uairsin bhon spot-pheanais a' faighinn tadhal.

An aon mhaith do dh' Alba air an oidhche, 's e nach b'e seachd no ochd a bh'aig na Gearmailtich.

Fhuair Niclas Füllkrug an ceathramh tadhal dhaibh mus deach tadhal eile a dhubhadh as le VAR.

Thug VAR sùil air tadhal Alba cuideachd agus mar chomharra air an oidhche, b'ann far Rüdiger aig a' Ghearmailt a chaidh am ball dhan lìon. Cha robh oidhirp aig Alba air an tadhal fad na h-oidhche.

Cha robh e air a' phàirce ach diogan aig an deireadh agus dè fhuair Emre Can ach tadhal dha fhèin.

Dòchas sam bith a bh'aig an arm thartain, tha e air falbh.

Tùs an deilbh, PA

An dèidh seinn, dannsa agus glaodhraich ann an cuirm fosglaidh na farpais, ghluais aire luchd-leantainn a' bhuill-choise Eòrpaich gu gnothaichean air a' phàirce. A' cheist a th'ann a-nise, càite an robh aire sgioba na h-Alba?

Taobh a-staigh còig mionaidean bhuannaich Kieran Tierney breab bhon tadhal agus rinn luchd nam breacan gàirdeachas. Fhuair Tierney cudail mòr bhon sgiobair cuideachd, ach b'e siud an turas mu dheireadh a rinn luchd-taic Alba moladh sam bith air an sgioba aca.

Cha robh an geama ach goirid a-steach air an deicheamh mionaid nuair a bhris dòchas nan Albannach. Fhuair Florian Wirtz am ball air oir a' bhogsa.

Thug e slaic air - cha b'e slaic ro mhath - is fhuair Aonghas Gunn làmh ris - ach a dh'aindeoin sin chaidh am ball dhan lìon far a' phuist dheis.

Droch thoiseach tòiseachaidh a bh'ann, ach cha robh guth air cho dona 's a dh'fhàsadh cùisean.

Bha breab-pheanais aig na Gearmailtich air sgàth ionnsaigh bho Ryan Christie ach bha balach Inbhir Nis fortanach nach robh bruis-pheant luchd-obrach phàirce Mhunich càil nas leatha agus VAR a' sealltainn gur ann air taobh a-muigh a' bhogsa a bha an ionnsaigh.

An uairsin, cha robh fada gus an robh Die Mannschaft na b'fhaide air thoiseach.

Cha robh coltas ann gun robh cus cunnart do dh'Alba ann am meadhan na pàirce, ach ann am priobadh na sùla, bha am ball aig Jamal Musiala san tadhal gun chothrom aig Gunn làmh fhaighinn air an turas seo.

Tùs an deilbh, Reuters
Fo-thiotal an deilbh,

Fhuair Ryan Porteous cairt dhearg airson na h-ionnsaigh air Gündoğan.

Bha Alba a' lorg faochadh air choiregin agus dh'atharraich Steve Clarke cruth na sgioba. Ghluais John McGinn chun taobh chlì agus Ryan Christie dhan loidhne aghaidh gus taic a thoirt do Ché Adams. Cha d'fhuair Alba cothrom faighinn a-mach an do dh'obraich na tactics ùra gè-tà.

Fo chunnart sa bhogsa, bha coltas ann gum biodh sgiobair nan Gearmailteach İlkay Gündoğan a' faighinn tadhal. Leum Ryan Porteous a-mach gus stad a chur air, ach abair gun deach an ionnsaigh aige ceàrr.

Cha tug an rèitire breab-pheanais seachad an toiseach ach cha tug e ach diog no dhà an uairsin a' coimhead air an sgrion.

Breab-pheanais, cairt dhearg do Phorteous agus ann am mionaid eile an treas tadhal air tighinn bho Havertz aig an spot-pheanais. "Oidhche mhath Alba" arsa Calum Dòmhnallach air BBC Radio nan Gàidheal - "am faigh sinn air Na Dùrachdan a thoirt air ais?"

Cha b'e an rèidio ach an hairdryer a bhiodh aig Steve Clarke aig leth-ùine.

Faochadh a bh' ann do dh'Alba beagan mhionaidean fhaighinn gun chunnart air beulaibh an tadhail aca, ach cha do mhair sin fada.

Dh' fheumadh Aonghas Gunn làmh làidir fhaighinn air cùlaibh oidhirp bho Rüdiger. Fhuair iad am ball air falbh is bùrach uabhasach sa bhogsa ach cha robh sgioba Julian Nagelsmann airson stad.

Thàinig Niclas Füllkrug far na beingidh agus leis an dàrna suathadh air a' bhall bha tadhal aige. Cha b'e suathadh a bh' ann airson an fhìrinn innse ach slaic uabhasach. "Peilear" a bh' aig luchd-aithris BBC Spòrs air an rèidio air. Bha iad ceart.

Tùs an deilbh, PA

Nochd beagan dòchais do dh' Alba le beagan mhionaidean ri dhol. Thàinig am ball a-steach chun phuist cùil agus dh' fheuch Hanley air an tadhal. An aon rud fortanach a thachair bho shealladh Steve Clarke, 's e gun d' fhuair Antonio Rüdiger suathadh air a' bhall agus chaidh e seachad air Manuel Neuer.

Chaidh oisean Alba dhan stèideam buileach craicte, le deochan air an caitheamh air feadh an àite. Fhuair iad cothrom beagan den phàrtaidh a thoirt air ais.

Cha do mhair sin ach mionaidean eile. Thàinig Emre Can far na beingidh e fhèin agus mar a rinn Füllkrug roimhe, fhuair e tadhal. An àite dòrtadh phinntean bha sluagh na h-Alba a' dòrtadh a-mach nan dorsan.

Tùs an deilbh, Reuters

Thèid iad dhachaigh a-nochd, no air ais gu na taighean-òsta aca co-dhiù, is ceist orra dè chì iad ann an Cologne.

Thèid sgad Alba air ais do Gharmisch-Partenkirchen feuch lorg fhaighinn air dè chaidh ceàrr.

Feumaidh am plana atharrachadh. Fiù 's le plana ùr, tha a h-uile coltas ann gu faodadh gum bi sgioba na h-Alba air ais aig an taigh mus bi cuid den luchd-leantainn.