Gàrradh MhicFhearghais an dùil tagradh airson bhàtaichean beaga dealain

Thuirt John Petticrew bhon chompanaidh gum biodh farpais airson a' chùmhnaint "mì-chothromach"
- Air fhoillseachadh
Thuirt Gàrradh MhicFhearghais ann am Port Ghlaschu gun cuir iad tairgse a-steach airson obair air bàtaichean-aiseig ùra dealain do ChalMac.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba Dimàirt nach b' urrainn dhaibh an cùmhnant a thoirt gu dìreach dhan ghàrradh ri linn dragh co-cheangailte ri laghan subsadaidh.
A' bruidhinn an dèidh dhaibh coinneachadh ri Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Ceit Fhoirbeis, thuirt àrd-oifigear eadar-amail na companaidh, John Petticrew, gum biodh e diombach nan cailleadh iad a-mach.
Thuirt e gun robh an fharpais mì-chothromach leis gu bheil 'fios aig a h-uile duine gum bi riaghaltasan nan dùthchanan tha iad a' farpais an aghaidh a' cur airgid a-steach do na na gàrraidhean soithich acasan'.
A bharrachd air a' phròiseas tairgse fhosgladh Dimàirt an t-seachdain seo, dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba £14.2m a bharrachd do Ghàrradh MhicFhearghais airson leasachaidhean a dhèanamh ach am bi iad nas fharpaisiche.
Ron seo chaidh cùmhnant luach £97m a thoirt dhaibh airson dà bhàt-aiseig ùr a bhathas a' sùileachadh a bhiodh ann an seirbheis ann an 2018.
An dèidh iomadh dùbhlan agus dàil tha dùil gun tèid an MV Glen Sannox a thoirt seachad san t-seachdain a' tòiseachadh air an 19mh là den Lùnastal.
Tha dùil nach bi an obair sgeadachaidh desieil air an t-soitheach eile, an MV Glen Rosa, ron t-Sultain an ath-bhliadhna.
Tha cosgais a' chùmhnaint air a tuairmse faisg air £300m a-niste, agus an Riaghaltas air an gàrradh a shàbhaladh bho bhith a' dol fodha san eadar-ama.