Ceit Fhoirbeis dòchasach mu sgoil Ghàidhlig ùr "san ùine ghoirid"

- Air fhoillseachadh
Tha an Leas-Phrìomh Mhinistear, Ceit Fhoirbeis, ag ràdh gu bheil i dòchasach gun gabhadh àrd-Sgoil Ghàidhlig ùr a stèidheachadh ann an Steòrnabhagh "san ùine ghoirid".
Seo is comhairlichean nan Eilean Siar gu bhith a' beachdachadh aig comataidh an fhoghlaim an ath-sheachdain mu sgrùdadh comais a dhèanamh air na planaichean.
Dh'innis Riaghaltas na h-Alba gum biodh iad deònach leithid de sgrùdadh a mhaoineachadh dhaibh.
"Tha mise den bheachd an-dràsta gu bheil e uabhasach cudromach gu bheil sinn taiceil dha na coimhearsnachdan traidiseanta far a bheil Gàidhlig fhathast ga cleachdadh," thuirt a' Bh-Ph. Fhoirbeis.
"Tha sin uaireannan nas cudromaiche na dìreach a bhith a' toirt airgid do luchd-ionnsachaidh.
"Sin an t-adhbhar gu bheil sinn a' sealltainn ann am Bile nan Cànanan Albannach gu bheil sinn airson sgìrean sònraichte a stèidheachadh, agus tha sgoiltean uabhasach cudromach mar phàirt den taic a tha sinn a' toirt do sgìrean traidiseanta.
"Tha mise agus an Riaghaltas gu math taiceil do sgoiltean ùra Gàidhlig, gu h-àraid sgoiltean fa leth," thuirt i.
Barrachd Airgid
Thàinig air Comhairle nan Eilean Siar gearraidhean mòra a dhèanamh thar nam bliadhnaichean mu dheireadh, agus thuirt iad an t-seachdain seo nach gabh an cùl-stòr ionmhais aca cleachdadh tuilleadh airson seirbheisean a chumail a' dol.
Ged a tha a' Bh-Ph. Fhoirbeis ag aithneachadh gu bheil suidheachadh an ionmhais dùbhlanach an-dràsta, tha i dòchasach gun gabh adhartas dèanamh.
"Tha airgead-calpa gu math doirbh," thuirt i.
"Sa bhuidseat againn airson na h-ath-bhliadhna, tha tòrr a bharrachd airgid ann airson na Gàidhlig, agus tòrr a bharrachd airgid-chalpa ann airson na Gàidhlig.
"Tha Bile nan Cànannan Albannach againn an-dràsta airson sgìrean sònraichte a chur air dòigh anns na sgìrean traidiseanta.
"Bidh barrachd airgid ann agus barrachd taice ann sa Bhile airson nan sgìrean traidiseanta.
"Ach feumaidh sinn na co-dhùnaidhean fhaicinn bhon sgrùdadh comais, agus cuideachd, tha mise fosgailte ris na ceistean a th' aig a' Chomhairle airson barrachd taice."