Iomairt 'son craobh dhùthasach cho tearc 's a tha an Alba a dhìon
- Air fhoillseachadh
Thòisich iomairt ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh gus a' chraobh-chrithinn a ghlèidheadh.
'S e craobh a tha dùthchasach do dh'Alba a tha sa chritheann agus bha i uair gu math pailt.
Tha iomadh seòrsa fungais, crotail, còinnich agus leòmain a' tighinn beò far am bi a' chraobh-chrithinn.
Cha mhòr ge-tà, gum faicear i tuilleadh agus tha eòlaichean den bheachd gur i a' chraobh a bu mhotha a dh'fhuiling air sgàth dì-choillteachaidh.
Poileanachadh
A-nis tha a' bhuidheann Cairngorms Aspen Network a' toirt grunn eòlaichean agus mhanaidsearan fearainn còmhla gus mapa a dhèanamh air àrainneachd nàdarra nan craobhan gus an gabh na sgìrean sin leudachadh.
Tha Steve Micklewright bhon bhuidhinn Trees for Life am measg na tha an sàs sa phròiseact a' chraobh-chrithinn a dhìon.
"Ann an saoghal nan craobhan tha i coltach ris a' phanda," thuirt e.
"Tha craobhan boireann agus fireann fa leth ann agus 's ann glè ainneamh a bhios iad fo bhlàth aig an aon àm. Mar sin, 's ann glè ainneamh a bhios iad a' poileanachadh.
"Tha tòrr de na crithinn a tha ann ann air sgàth agus gu bheil na freumhaichean aca a' sgaoileadh agus thig fàs ùr àsta.
"Feumaidh sin dòigh a lorg gus am bi iad a' poileanachadh agus thòisich sinn air sin a dhèanamh ann an tunailean-polaidh."
Cleachdaidhean Traidiseanta
Bha uair a bha daoine air Ghàidhealtachd ro-eòlach air badan far am fàsadh critheann, agus cleachdaidhean traidiseanta aca airson na craoibhe sònraichte seo.
Am measg nan cleachdaidhean sin bhiodh boireannaich leatromach ga cleachdadh airson crìoch a chur air an suidheachadh.
Tha am fiodha cuideachd gu math aotrom 's bhiodhte ga chur gu feum airson leithid cinn ràcain fheòir.
Cha bhi e a' losgadh gu math a bharrachd, agus mar sin bha e glè mhath airson bùird-ùrlair ann an taighean.
'S e an critheann a' chraobh mu dheireadh a thig fo dhuilleach as t-Earrach, agus a' chiad chraobh a leigeas dhith a duilleagan as t-Fhoghar, agus e am measg an duillich as fheàrr mar bhiadh do bhiastagan.
Ri linn sin cha toir a' chraobh ach cothrom goirid do na biastagan an duilleach ithe, agus bidh iad fiù 's a' gluasad airson an crathadh dhiubh - bidh na craobhan air chrith, agus 's ann à sin a thàinig an t-ainm.