"Nach sinne nis tha spaideil leis a' Chouncil againn fhèin!"

Comhairle nan Eilean Siar
  • Air fhoillseachadh

Air an t-seachdain-sa bho chionn 50 bliadhna, dh'atharraich saoghal nan Eilean Siar gu tur.

Air an 16mh là dhen Chèitean 1975, thòisich Comhairle nan Eilean gu h-oifigeil.

Ron sin - ged a bha roinn-phàrlamaid ann air an robh "Western Isles" bho 1918 - cha robh leithid de rud ann ris "Na h-Eileanan Siar" ann an seadh riaghladh ionadail.

Bha Leòdhas ann an Siorrachd Rois is Chrombaigh, agus na Hearadh, Beàrnaraigh, Uibhist a Tuath, Beinn na Faoghla, Uibhist a Deas, Èirisgeigh, Barraigh is Bhatarsaigh ann an Siorrachd Inbhir Nis.

GazetteTùs an deilbh, Stornoway Gazette
Fo-thiotal an deilbh,

Mar a bha Gazette Steòrnabhagh ag aithris air an là às dèidh dhan Chomhairle ùr a bhith ga stèidheachadh gu h-oifigeil

B' iad na comhairlean siorrachd sin - stèidhichte an Inbhir Pheofharain agus an Inbhir Nis – a bha a' riaghladh, ach bha ùghdarrasan na bu lugha taobh a-staigh nan comhairlean siorrachd: Comhairle Baile Steòrnabhaigh; Comhairle Sgìreil Leòdhais; Comhairle Sgìreil na Hearadh; Comhairle Sgìreil Uibhist a Tuath; Comhairle Sgìreil Uibhist a Deas agus Comhairle Sgìreil Bharraigh.

Bha cùisean air a bhith a' ruith an ìre mhath mar sin bho chaidh an structar a chruthachadh ann an 1930. Bha Comhairle Siorrachd Rois is Chrombaigh agus Comhairle Siorrachd Inbhir Nis a' ruith a' chuid mhòir de sheirbheisean anns na diofar eileanan, le cumhachdan gu math nas lugha aig na sgìrean airson cuid de rudan a dhèanamh gu h-ionadail.

Coimisean Wheatley

Bha an siostam riaghlaidh feadh Alba toinnte agus riaslach, le còrr air 400 comhairle de diofar sheòrsachan: 33 comhairlean siorrachd; 4 comhairlean siorrachd cathair-bhaile (Glaschu, Dùn Èideann, Obar Dheathain agus Dùn Dè); 197 comhairle baile agus 196 comhairle sgìreil.

Ann an 1963 dh'fhoillsich an Riaghaltas pàipear geal air an robh Ùrachadh Riaghladh Ionadail ann an Alba, agus thàinig às an sin Coimisean Wheatley ann an 1966 airson a' chùis a rannsachadh agus structar ùr a mholadh.

Am Morair Iain WheatleyTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bha am Morair Iain Wheatley (làmh chlì) os cionn coimisean a rinn sgrùdadh air riaghladh ionadail ann an Alba

B' ann à molaidhean Wheatley, a dh'fhoillsicheadh ann an 1969, a thàinig an structar ùr a chaidh a chur an sàs ann an 1975, le comhairlean aig dà ìre – comhairlean mòra roinneil (leithid Roinn Srath Chluaidh, Roinn a' Mhonaidh 's m.s.a.a) agus comhairlean sgìreil nas lugha taobh staigh an crìochan (leithid Sgìre Rinn Friù, Sgìre Mhoireibh 's m.s.a.a).

Comhairle mhòr na Gàidhealtachd 's nan Eilean

Ach cha deach gabhail ri molaidhean Wheatley slàn 's mar a bha iad, oir chaidh na roinnean 's na sgìrean a thàinig às air a' cheann thall atharrachadh tro chonaltradh 's tro dheasbad.

Mura b' e sin cha bhiodh na h-Eileanan Siar air comhairle spaideil, chumhachdach fhaighinn dhaibh fhèin idir.

Oir am measg nan comhairlean mòra roinneil a mhol Wheatley bha tè air an robh Roinn na Gàidhealtachd 's nan Eilean. Bha i a' dol a ghabhail a-steach sgìre bho Arcaibh is Sealtainn aig tuath, Earra-Ghàidheal aig deas, pìosan de Mhoireibh is Bhainbh mun ear agus na h-Eileanan Siar, a bharrachd air tìr-mòr na Gàidhealtachd air fad eadar na h-oirean sin.

Chaidh an ceòl air feadh na fìdhle, le gearainnean gun robh comhairle mar sin fada ro mhòr 's nach biodh gnothaich aig aona cheann dhith ris a' cheann eile.

B' e muinntir Arcaibh is Shealtainn bu mhotha a thog na h-èigheanan an toiseach, leis a' bhall-phàrlamaid aca, Jo Grimmond, air an ceann.

Jo GrimondTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Thog ball Libearalach Shealtainn, Jo Grimond, a ghuth gu làidir an aghaidh aon roinn mhòr airson na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Chun an sin bha làn-chomhairle siorrachd air a bhith aig Arcaibh dhi fhèin agus tè aig Sealtainn dhi fhèin.

Ann an aon agallamh aig an àm, le fearg na ghuth, thuirt Grimmond: "Eadar a bheil e a' còrdadh ri na 'heidyins' mhòra no nach eil, tha eileanan nan eilean agus chan atharraich duine sin ach Dia fhèin. Tha Roinn na Gàidhealtachd 's nan Eilean a tha seo fada ro mhòr. Tha a bhith a' dol bho Mhaol Chinn Tìre fada shìos, suas gu Muckle Flugga ann an Sealtainn na chùis-mhagaidh."

"Neo-eisimealachd" nan eilean

Shoirbhich le argamaidean nan eilean mu thuath, agus chaidh comhairlean ùra air leth dhaibh fhèin aontachadh do dh'Arcaibh 's do Shealtainn.

Cha robh ciall ann a thaobh deamocrasaidh ionadail tòiseachadh a' ruith àiteachan cho fad às à Inbhir Nis.

Às an sin thàinig na h-argamaidean mu na h-Eileanan Siar. Carson a bhiodh iadsan a bharrachd air an riaghladh à Inbhir Nis?

Mu dheireadh ghabh an Riaghaltas ris an sin, agus chaidh comhairlean fa leth, le làn-chumhachdan, a thoirt do dh'Arcaibh, Sealtainn agus na h-Eileanan Siar, seach mar a bha cumhachdan anns a' chòrr de dh'Alba air a roinn eadar comhairlean roinneil agus comhairlean sgìreil.

Comhairle "spaideil" le ainm Beurla

Bha e ann an dualchas Gàidhealach nan eilean bàird bhaile a bhith a' dèanamh rannan a' comharrachadh rudan cudromach no annasach ann am beatha nan daoine, agus 's e sin ann an dòigh a thachair le teachd na Comhairle.

Tha an t-òran ainmeil ag Iain "Costello" MacÌomhair ga sheinn gus an là an-diugh:

Comhairle nan Eilean,

Comhairle nan Eilean,

Chan eil fhios a'm c'son tha Comhairle oirbh

's nach gabh sibh comhairl' ann.

Nach sinne nis tha spaideil leis a' Chouncil againn fhèin,

Leis an Reverend MacAulay 's Mister Rae.

O chan eil trioblaid ann nach ceartaich iad (oir sin tha iad ag ràdh),

Huh! Gheall iad sin dhuibh nuair a chuir iad suas na rates.

Cha robh ann ach feall-dhà, agus 's iomadh comhairliche is oifigear comhairle a rinn gàire ris bhon uairsin, ach bha an t-òran cuideachd (mar a bhios a h-uile deagh bhàrdachd baile èibhinn) a' cur an cèill fìrinnean.

B' e a' chiad tè de na fìrinnean sin gun robh feadhainn anns na h-eileanan a bha gu math amharasach à eileanaich a bhith gan ruith fhèin.

ÈirisgeighTùs an deilbh, Getty Images

Chuir a' chiad Iar-Fhear-Gairm a bha air a' Chomhairle, Maighstir. Calum MacIllFhiallain, sin an cèill ann an agallamh bhon àm, far an robh e a' bruidhinn air mar a bha aca ri cothachadh an aghaidh teagamhan bho thìr-mòr 's ann an trannsaichean a' chumhachd airson comhairle eileanach fhaighinn anns a' chiad àite.

"Chan e sin an rud as miosa, ach gu bheil uaireanan muinntir nan eilean fhèin a' gabhail ris na beachdan a tha sin agus cion misneachd orra agus cion creideis aca annta fhèin," thuirt Maighstir Calum.

'S e an dàrna fìrinn a tha leth-fhalaichte ann an rannan Chostello, nach eil fàidh gun urram ach na dhùthaich fhèin.

Bha aig na h-eileanaich a ghabh orra seasamh airson na Comhairle agus a bha deònach a dhol air ceann na Comhairle, agus na h-oifigearan eileanach cuideachd, ri iad fhèin a dhearbhadh fa chomhair an t-sluaigh.

Ach rinn iad sin, agus choilean iad gu ìre mhòir an earbsa a chuir an co-eileanaich annta.

Suaicheantas CnES

Tha e cuideachd inntinneach gur e an "council" againn fhèin a bh' anns an òran. Cha robh am facal "comhairle" idir air bilean an t-sluaigh fhathast.

Gu dearbha cha robh ainm oifigeil Gàidhlig air a' Chomhairle, ach Western Isles Islands Council.

Am measg chòmhraidhean a tha rin lorg ann an tasglann Gàidhlig a' BhBC bhon àm, tha daoine a' bruidhinn air an dùil dè an t-ainm Gàidhlig a bu chòir a bhith air a' "Chouncil."

Chaidh tòiseachadh a' gabhail Comhairle nan Eilean oirre, ged nach robh sin idir oifigeil.

Cha deach ainm oifigeil na Comhairle atharrachadh gu Gàidhlig gu 1998, nuair a chaidh atharrachadh gu Comhairle nan Eilean Siar, an t-ainm a bha ri chleachdadh eadar an robhas a' bruidhinn orra anns a' Ghàidhlig no anns a' Bheurla.

Bha dùbhlain gu leòr ann a bharrachd air ainm, ge-tà, gu sònraichte mar a dheadh diofar eileanan spapte nach robh eòlach air a chèile a tharraing còmhla, 's bheir sinn sùil ann an alt eile a-màireach air mar a chaidh iad an sàs annta sin.