Taigh-staile na Hearadh: "Tha ar slighe gus leantainn"

- Air fhoillseachadh
Thuirt Taigh-staile na Hearadh gu bheil "ar slighe gus leantainn is gum bi làithean nas fhearr romhainn".
Thàinig brath bhon chompanaidh air na meadhanan-sòisealta aca is e air tighinn am bàrr aig deireadh a' Ghiblein gun tèid cuid den luchd-obrach aca a chur às an dreuchd.
Tòisichidh iad cuideachd air nas lugha deoch-làidir a dhèanamh is iad ag ràdh gu bheil a' mhargaidh air fàs dùbhlanach.
Tha timcheall air 50 neach ag obair aig Taigh-staile na Hearadh is chan eil fios fhathast cia meud a chailleas an dreuchd.
Sa bhrath ùr, tha a' chompanaidh ag ràdh gur e "caibideal ùr doirbh" a tha seo dhaibh is gun deach Taigh-staile na Hearadh a stèidheachadh bho thùs gus spionnadh a chur san eaconamaidh ionadail.
- Air fhoillseachadh29 An Giblean
- Air fhoillseachadh30 An Giblean
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha
Thuirt iad gu bheil "stoirm" air bualadh orra sa bhliadhna mu dheireadh le dùbhlain sa ghnìomhachas agus san eaconamaidh san fharsaingeachd.
'S e sin as coireach, thuirt iad, gun tàinig orra "co-dhùnadh goirt" a dhèanamh gus an sgioba aca a ghearradh.
Gheall a' chompanaidh ge-tà gun cùm iad orra is gun tig làithean nas fheàrr.
"Le samhradh a' teannadh dlùth, bidh dorsan an taigh-stailte fosgailte dhan a h-uile duine," thuirt iad.
A' bruidhinn nas tràithe an t-seachdain seo, thuirt Ministear Gnothachais Riaghaltas na h-Alba gun dèan iad a h-uile dad as urrainn dhaibh gus na Hearadh is Taigh-staile na Hearadh a chuideachadh, ged a thuirt Ridseard Lochhead gu bheil iad a' tuigsinn gur e co-dhùnadh coimeirsealta a bha seo airson na companaidh.