Co-op an dòchas tilleadh dhan àbhaist "anns na làithean ri thighinn"

Co-op
  • Air fhoillseachadh

Thuirt an Co-op gum bu chòir stoc anns na bùthan aca tilleadh dhan àbhaist anns na làithean ri thighinn.

Tha sgeilfichean bhùthan a' Cho-op air a' Ghàidhealtachd is anns na h-Eileanan am measg na th' air a bhith falamh an dèidh ionnsaigh shaidhbeir an t-seachdain seo chaidh.

A thuilleadh air gainnead bhìdh anns na bùthan - rud a thug buaidh gu sònraichte air sgìrean dùthchail far nach eil gle thric cus bhùthan mòra eile ann - chaidh fiosrachadh mu luchd-cleachdaidh agus luchd-obrach a ghoid.

Tha an Co-op ag ràdh a-nise gu bheil iad a' toirt nan siostaman aca air ais air-loidhne "mean air mhean is gu sàbhailte".

Thuirt iad gu bheil iad ag obair gus stoc a lìbhreagadh anns na làithean ri thighinn gus cùisean a thilleadh dhan àbhaist.

Bu chòir, tha iad ag radh, gum bi piseach ann mun àm a thig an deireadh-seachdain.

'S e faochadh a bhios ann do mhòran.

"Tha cuid san àite fhèin air ar cuideachadh le stoc", thuirt Coinneach MacLeòid a tha na mhanaidsear aig a' Cho-op anns na Hearadh.

"Lusan is measan, tha sin glè mhath, ach tha e doirbh a thaobh bainne is feòil.

"Tha sinn air dà luchd fhaighinn bhon Cho-op fhèin ach mar a tha cùisean an-dràsta, chan eil e fhathast comasach dhuinn òrdugh a chur a-steach".