Leasachadh Cidhe Loch nam Madadh deiseil

Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar a' cur fàilte air Rùnaire na Còmhdhail
- Air fhoillseachadh
Chaidh cuirm a chumail aig cidhe Loch nam Madadh Diluain a' comharrachadh gu bheil am pròiseact airson a leasachadh ullamh.
Chuir Fear-Gairm Comhairle nan Eilean Siar, Coinneach MacLeòid, fàilte air Rùnaire na Còmhdhail, Fiona Hyslop.
Chaidh an cidhe a leudachadh agus a neartachadh, chaidh dreidseadh a dhèanamh air grunnd na mara agus chaidh barrachd àiteachanp-aircidh a chruthachadh.

Rinneadh an obair airson am port a dhèanamh freagarrach airson tè de na bàtaichean-aiseig a thathar a' togail do ChalMac aig Gàradh MhicFhearghais air Abhainn Chluaidh.
Tha an obair-togail air na soithichean fad air dheireadh agus gu mòr thairis air buidseat.
Bha còrr gum biodh leasachadh ghoireasan a' phuirt ann an Loch nam Madadh deiseil as t-Earrach 2023 ach chaidh stad a chur air sgàth nan trioblaidean ionmhais a bh' aig a' chiad chompanaidh a chaidh fhastadh.
Chaidh a' chompanaidh George Leslie Earranta a thaghadh airson crìoch a chur air a' phròiseact a chosg £15m.