Fiosrachadh ga shireadh an dèidh tubaist mhairbhteach air an A9

- Air fhoillseachadh
Tha na poilis a' sireadh fiosrachaidh an dèidh tubaist air an A9 san do chaill boireannach a beatha.
Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm chun na làraich beagan tuath air cearcall-rathaid an Todhair goirid ro 09.00m Diluain.
Bha trì carbadan an sàs san tubaist: Mini Cooper dubh, Toyota Hillux geal agus Renault Clio dearg.
Bhàsaich boireannach, 59, a bha a' dràibheadh a' Mhini, aig làrach na tubaiste.
Thuirt na poilis gun deach fear, 39, a bha a' dràibheadh an Toyota Hillux, a thoirt a dh'Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis far a bheil e ann an staid sheasmhach.
Chaidh a chur an grèim fhad 's a tha rannsachadh nam poileas a' leantainn.
Cha deach dràibhear an Renault a ghoirteachadh.
Bha an rathad dùinte airson còrr is sia uairean de thìde fhad 's a bha na poilis a' sgrùdadh na làraich.
Tha iad ag iarraidh air duine sam bith a bha san sgìre aig an àm, no aig a bheil dealbhan dash-cam, a thighinn a bhruidhinn riutha.