Àrd-Chonstabal na h-Alba "cruaidh-chridheach" - an teaghlach MhicUilleim
- Air fhoillseachadh
Dh'fhàg teaghlach a' bhancair Alasdair MacUilleim nach maireann air Àrd-Chonstabal Phoileas Alba gu bheil i "cruaidh-chridheach" an dèidh dhi diùltadh coinneachadh riutha.
Chaidh Mgr MacUilleim a mhurt air a stairsich fhèin ann an Inbhir Narann anns an t-Samhain 2004.
Cha deach am murtair a ghlacadh riamh.
Dh'òrdaich Morair Tagraidh na h-Alba gun tèid rannsachadh ùr a dhèanamh air a' chùis, agus tha an t-Àrd-Chonstabal, Jo Farrell, air innse an t-seachdain seo gun deach sgioba ùr a chur an sàs, fhad 's a thuirt i gu bheil am feachd fhathast "an làn-dùil" fuasgladh fhaighinn.
Ach tha teaghlach Mhgr MhicUilleim ag ràdh gun deach an "cumail san dorchadas" leis na Poilis an dèidh dhaibh càineadh a dhèanamh air mar a chaidh an rannsachadh a làimhseachadh.
Thuirt an teaghlach nach eil duine bho Phoileas Alba air bruidhinn riutha bho bhruidhinn an t-Àrd-Chonstabal gu poblach, agus gun robh e "tàmailteach" dhith a bhith ag innse do na meadhanan nach robh i an dùil bruidhinn ris an teaghlach.
"Bha sinn roimhe cho modhail 's gun do dh'innis sinn do dh'oifigearan gun robh sinn am beachd bruidhinn a-mach an aghaidh neo-chomasachd àrd-oifigearan poilis a tha a' toirt droch bhuaidh air rannsachadh na cùise seo a th' air leantainn 20 bliadhna," thuirt an teaghlach.
"Rinn sinn cuideachd càineadh air mar a dhiùlt an t-Àrd-Chonstabal Jo Farrell coinneachadh ris an teaghlach againn a bhruidhinn mu chùisean air nach eil fuasgladh fhathast.
"Tha e na thàmailt dhuinn gun do dh'innis Jo Farrell do na meadhanan - 's chan ann dhuinne - nach robh càil a dhùil aice coinneachadh rinn.
"B' e buille sgriosail oirnn a bh' ann a bhith a' cluinntinn na freagairt neo-phearsanta seo tro aithrisean sna meadhanan, bho cheannard phoilis chruaidh-chridheach."
Dh'innis an t-Àrd-Chonstabal don BhBC Diluain gun robh e cudromach gun togadh an t-àrd-oifigear rannsachadh ùr agus an sgioba chonaltraidh theaghlaich "càirdeas torrach" leis an teaghlach MhicUilleim.
"Sin an dàimh cudromach aig an ìre seo airson misneachd agus ceartas a thoirt gu buil," thuirt Jo Farrell.
"Tha sinn riamh air a bhith gu daingeann an sàs san rannsachadh seo, ach chan eil deagh bheachd aig an teaghlach oirnne.
"Tha sinn a' feuchainn, tron àrd-oifigear rannsachaidh ùr agus oifigearan conaltraidh teaghlaich na drochaidean seo a thogail às ùr, agus misneachd a thoirt don teaghlach gum faigh sinn ceartas dhaibh."
Thuirt banntrach Mhgr MhicUilleim, Veronica, ge-tà, nach deach innse dhise cò an t-àrd-oifigear rannsachaidh ùr, agus gun do dh'innis an t-seann sgioba chonaltraidh theaghlaich dhi nach robh sgioba ùr air a cur an dreuchd fhathast.
"Chaidh an t-Oifigear Conaltraidh Teaghlaich an aghaidh na thuirt Jo Farrell a-rithist nuair a dh'innis iad dhuinn, ged a chaidh Àrd-Oifigear Rannsachaidh ùr a thaghadh, gun robh iad air saor-làithean thall thairis air an là a thuirt an t-Àrd-Chonstabal gun robh '"Àrd-Oifigear Rannsachaidh agus sgioba ùr ag obair an-dràsta".
"Gu h-iongantach, chaidh innse dhuinn cuideachd nach biodh duine aca air ais ag obair ron ath-sheachdain."
Thuirt am mac as sine aig Mgr agus a' Bh-Ph MacUilleim, Anndra, 24, a bha dìreach ceithir bliadhna de dh'aois nuair a chaidh athair a mhurt: '"S e ceist a th' ann dhuinne fhathast carson a tha an teaghlach againn gar cumail san dorchadas fhad 's a tha Jo Farrell ga blianadh ann an solas nam meadhanan 's i a' bruidhinn mu dhrochaidean a thogail agus misneachd a thoirt don teaghlach againn."
A' freagairt na thuirt an teaghlach, thuirt labhraiche às leth Phoileas Alba gun deach àrd-oifigear rannsachaidh ùr a chur an dreuchd agus gu bheil an sgioba nas fharsainne a bheir an rannsachadh air adhart fhathast gan taghadh.
"Bha an t-Àrd-Chonstabal a' bruidhinn mun Àrd-Oifigear Rannsachaidh Ro-innleachdail, an Det. Àrd-Shuperintendent Suzanne Chow, a bh' ann an conaltradh ris an teaghlach an t-seachdain seo chaidh tro oifigearan conaltraidh teaghlaich," thuirt iad.
"Tha fiosrachadh ga chumail ris an teaghlach mun obair seo."
Rinn an teaghlach gearain ri Coimiseanair Ghearainean agus Ath-sgrùdaidh nam Poileas (Pirc) san Dùbhlachd an-uiridh mu mar a chaidh a' chùis a làimhseachadh.
Thuirt Poileas Alba, Oifis a' Chrùin agus Seirbheis Luchd-Casaid a' Chrùin aig an àm gun robh iad air coinneachadh ris an teaghlach a bhruidhinn mu na cuspairean a thog iad.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh23 An t-Sultain
- Air fhoillseachadh23 An t-Sultain
- Air fhoillseachadh16 An t-Sultain