Muncaidh air fhaighinn

MuncaidhTùs an deilbh, CARL NAGLE
  • Air fhoillseachadh

Tha muncaidh a bha mu sgaoil air Ghàidhealtachd airson còrr air còig là an dèidh bhith air a ghlacadh.

Theich am macaque Iapanach bho Phàirc Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd ann an Ceann na Creige, faisg air an Aghaidh Mhòir, Là na Sàbaid.

Chaidh drònaichean le uidheamachd a dh'aithnicheadh teas a chleachdadh anns an iomairt airson a lorg.

Bha am muncaidh, a tha seachd, faisg air a' phàirc nuair a chaidh fhaighinn, agus chaidh cungaidh-stòlaidh a chleachdadh airson a ghlacadh.

Tha a' phàirc air innse gur e Honshu an t-ainm a th' air.

Tha luchd-obrach na pàirce a' dèanamh deuchainnean slàinte air a-nis.