Fèis fhiolmaichean Gàidhlig ùr ann an Inbhir Nis

Eden Court
  • Air fhoillseachadh

Thèid fèis fhiolmaichean Gàidhlig ùr a chumail aig taigh-cluiche Eden Court ann an Inbhir Nis.

Thèid 'Sgrìn' a chumail eadar an 29mh agus an 31mh den Lùnastal.

Gheibh daoine cothrom caochladh fhiolmaichean agus phrògraman Gàidhlig fhaicinn aig a' chiad fhèis den t-seòrsa sa bhaile.

Bidh cuid de sheann fhiolmaichean gan sealltainn cho math ri feadhainn bhon là an-diugh.

"Rinn sinn sealladh no dhà roimhe a bha gu math soirbheachail," thuirt Emily NicDhòmhnaill, Manaidsear nam Pròiseactan Gàidhlig aig Eden Court.

"Thug sin an aire dhuinn gu bheil ùidh mhòr ann am measg dhaoine airson an leithid.

"Bha sinn a' smaoineachadh gum biodh e math fèis a chur air dòigh far a bheil sinn a' comharrachadh cho soirbheachail 's a tha na meadhanan Gàidhlig air a bhith thairis air na bliadhnaichean, càite a bheil iad anns an là an-diugh, agus càite am faodadh iad a dhol cuideachd."

Dàn mòr Homer ann am Moireibh

Aig an dearbh àm 's a bhathas ag ullachadh airson na fèise, bha film mòr Hollywood a' clàradh faisg air làimh.

Chaidh cuid den fhiolm The Odyssey, fon stiùriche ainmeil Christopher Nolan, a chlàradh aig Coille Cùl-beinne faisg air Inbhir Èireann ann am Moireibh.

Chunnacas feadhainn de na rionnagan fiolm as ainmeile san t-saoghal an sin, an leithid Matt Damon, Tom Holland agus Zendaya.

Aig cha mhòr an aon àm, tha pàirt den fhiolm às ùire anns an t-sreath Spiderman air a bhith ga chlàradh ann an Glaschu.

Tha Shona NicCoinnich ag obair air a ceann fhèin mar riochdaire dràma. Tha i ag ràdh gu bheil iomadh adhbhar a' fàgail Alba tarraingeach airson luchd-fiolm.

"Tha bailtean agad a tha math airson a bhith a' clàradh mar gun robh iad ann an Aimeireaga," thuirt i.

"Cuideachd tha e gu math furasta a bhith a' siubhal gu na beanntan, an tràigh, no na h-eileanan. Tha a h-uile càil gu math faisg."

Tha i ag ràdh gu bheil eisimpleir phrògraman agus fhiolmaichean eile cuideachd a' tàladh chompanaidhean riochdachaidh.

"Tha prògraman mar Outlander air a thighinn gu Alba 'son clàradh," thuirt i.

"Tha an criutha air fàs agus tha fad a bharrachd dhaoine againn a tha ag obair aig sàr-àrd-ìre."

Tha dùil gun nochd The Odyssey agus Spiderman ann an taighean-dealbh an 2026.