Inbhe ghlèidhteachais shònraichte do choille-aitinn aig tuath

Ceum an Aitinn ann an Oighreachd Dhul DhreagainTùs an deilbh, Trees for Life
Fo-thiotal an deilbh,

'S urrainn luchd-turais gu Oighreachd Dhul Dhreagain cuairt a ghabhail air Ceum an Aitinn

  • Air fhoillseachadh

Fhuair aitinn air Oighreachd Dhul Dhreagain de sheòrsa nach fhaighear an àite sam bith eile inbhe Eòrpach airson an dìon.

'S e seo a' chiad làrach am Breatainn a chaidh a chomharrachadh mar Aonad Glèidhteachais Gine.

Bidh a' choille an Gleann Moireasdan, sa bheil cuideachd craobhan-beithe, a-nis mar phàirt de lìonra Eòrpach de làraichean sa bheil craobhan aosta dùthchasach.

Coille ann an Oighreachd Dhul DreagainTùs an deilbh, Trees for Life
Fo-thiotal an deilbh,

Tha timcheall air 50,000 craobh-aitinn agus 80,000 craobh-bheithe sa choille ann an Gleann Moireasdan

Tha an lìonra ag amas air iomadachd ghineach chraobhan air feadh na Roinn Eòrpa a dhìon, agus air barrachd rannsachaidh a dhèanamh orra.

Tha timcheall air 50,000 craobh-aitinn agus 80,000 craobh-bheithe sa choille ann an Oighreachd Dhul Dreagain a th' air a ruith le Trees for Life.

Thuirt manaidsear na h-oighreachd, Gwen Raes: "Tha an inbhe seo a' comharrachadh na tha air fhàgail de na seòrsachan aitinn agus craobhan-beithe nach fhàs ach an seo air an oighreachd, agus a' dearbhadh cho cudromach 's a tha e dhuinn leigeil le na coilltean aosmhor fàs às ùr gu nàdarrach ann an Dul Dreagain."

A' cruinneachadh sìl aitinnTùs an deilbh, Trees for Life
Fo-thiotal an deilbh,

Bithear a' cruinneachadh sìl aitinn mar phàirt den obair a' ghnè den chraoibh a tha a' fàs an Dul Dreagain a dhìon

Tha aitinn nas pailte air taobh sear na Gàidhealtachd far a bheil i nas tiorma agus far am bi a' chraobh a' fàs nas motha.

Tha eòlaichean den bheachd gu bheil na tha de dh'aitinn ann an Dùl Dreagain air gnè-fhàs an sin a rèir na sìde nas fliche ann.

Tha a' chraobh a' cur ri bith-iomadachd agus a' toirt fasgadh agus biadh do ghrunn bhiastagan, mamalan agus eòin.

Tha dearcan-aitinn cuideachd air an cleachdadh ann an còcaireachd agus airson sineabhar a dhèanamh.

'S urrainn do dhaoine a thèid a Dhul Dreagain cuairt a ghabhail tro na slighean sna coilltean, Ceum an Aitinn nam measg.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu obair Trees for Life an seo, taobh a-muigh.