Ceit Fhoirbeis a' fàgail Pàrlamaid na h-Alba an ath-bhliadhna

- Air fhoillseachadh
Dh'innis Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Ceit Fhoirbeis, nach seas i ann an taghadh Holyrood na h-ath-bhliadhna. , taobh a-muigh
Dh'innis BPA roinn-pàrlamaid an t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Bàideanach gu bheil an t-àm ann "am baton a thoirt seachad" do chuideigin ùr.
Chaidh Ms Fhoirbeis a thaghadh gu Holyrood ann an 2016, aois 26.
Mar chùl-bheingear, chaidh i na tè-gairm air Buidheann Thar-Phàrtaidh na Gàidhlig aig Holyrood.
Chaidh i air adhart gu bhith na Rùnaire Ionmhais, an dèidh do Dherek MacAoidh an dreuchd sin fhàgail.
Nuair a sheas Nicola Sturgeon sìos mar Phrìomh Mhinistear ann an 2023, sheas Ms Fhoirbeis airson ceannas an SNP, a' call gu Humza Yousaf.
Dhiùlt i dreuchd sa chaibineat aige, agus dh'fhàg i an Riaghaltas.
Nuair a dh'fhàg Mgr Yousaf an dreuchd ann an 2024, 's a chaidh Iain Swinney a thaghadh na àite, dh'ainmich e Ceit Fhoirbeis mar Leas-Phrìomh Mhinistear, agus cuideachd mar Rùnaire na h-Eaconomaidh agus na Gàidhlig.
Tha a' Ghàidhlig air a bhith cudromach do Cheit Fhoirbeis na dreuchd aig Holyrood, 's i air an cànan a bhruidhinn ann an seòmar na Pàrlamaid.
Bha i gu mòr an sàs ann a bhith a' leasachadh Achd nan Cànanan Albannach a chaidh na lagh an t-seachdain seo.
Ann am brath a sgaoil i air Facebook, thug i taing dhan fheadhainn a bhòt air a son, agus dhaibhsan nach do bhòt, ach dh'innis i nach robh i am beachd an treas teirm a shireadh.