Rabhadh Òmar airson droch aimsire

- Air fhoillseachadh
Tha rabhadh Òmar an sàs bho 10:00m Diluain airson droch aimsire air feadh mòran de dh'Alba, agus Stoirm Floris a' toirt buaidh.
Tha dùil gum bi cunnart ann do bheatha, agus mairidh an rabhadh gu 10:00f.
Tha Oifis na Sìde ag ràdh gu bheil dùil ri gaoth eadar 70 is 80msu, fiù 's suas ri 100msu, gu h-àraid anns na h-Eileanan Siar, an t-Eilean Sgitheanach agus Ros is Crombaigh - leis a' cuid as làidire dhith gu bhith ann an Gallaibh agus ann an sgìrean timcheall Linne Mhoireibh agus Linne Fharair.
Tha na Poilis ag ràdh gun deach grunn bhanaichean-campachaidh a chur air an cliathaich leis a' ghaoith air an A87 eadar an t-Àth Leathann agus Port Rìgh san Eilean Sgitheanach.
Dh'iarr iad air dràibhearan gun rathad Bhealach na Bà a ghabhail, 's air daoine le bhanaichean-campachaidh fuireach parcte ann an àiteachan fasgach.
Tha drochaidean Cheasaig, an Eilein Sgitheanaich agus Dhòrnaich dùinte do charbadan àrda.

Tha craobhan air an leagail ann am mòran sgìrean, Inbhir Nis nam measg
Dhùin loidhnichean rèile ann an ceann a tuath na dùthcha bho 12:00f, Prìomh Loidhne na Gàidhealtachd nam measg.
Dh'innis Caledonian Mac a' Bhriuthainn gu bheil a h-uile tè de na seirbheisean aca air an cur dheth no fo rabhadh. Nam measg, cha bhi seirbheisan sam bith a' ruith Diluain eadar Ùige, Loch nam Madadh 's an Tairbeart.
Cha bhi seirbheisean a' ruith a Loch Baghasdail, a Bharraigh no a Thiriodh a bharrachd.
Tha cuideachd Aiseag a' Chorrain, a tha ga ruith le Comhairle na Gàidhealtachd, air a chur dheth gus an tig an còrr fiosrachaidh.
Dh'innis Port Linne Chrombaigh nach tig soithichean turais sam bith gu cala ann an Inbhir Ghòrdain Diluain.
Bha dùil gum biodh 4,000 luchd-siubhail air tè dhiubh, an Regal Princess.