Maoineachadh trì bliadhna 'son oifigeir Ghàidhlig is neach-taice ann an Tiriodh

- Air fhoillseachadh
Tha Urras Thiriodh air gealltanas fhaighinn air trì bliadhna de mhaoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig gus oifigear leasachaidh Gàidhlig làn-ùine agus neach-taice pàirt ùine fhastadh.
Tha iad gu mòr ag amas air pròiseactan a nì ceangal eadar daoine nas sine aig a bheil a' Ghàidhlig bho thùs agus daoine nas òige a tha ga h-ionnsachadh.
Tha na h-uimhir de mhì-chinnt air a bhith ann mu oifigearan Gàidhlig sa choimhearsnachd an dèidh mar a chaidh maoineachadh air an son a ghearradh an-uiridh.
"Tha suidheachadh na Gàidhlig ann an Tiriodh gu math cugallach an-dràsta," thuirt ceannard conaltraidh agus Gàidhlig an Urrais, Rhoda Meek.
"Tha an àireamh luchd-labhairt a' crìonadh, agus gu h-àraidh luchd-labhairt aig an robh Gàidhlig bho thùs 's a tha fileanta, 's aig a bheil dual-chainnt an eilein.
"Tha sinn gan call gu math luath."
Chan ann mar sin a tha cùisean ann an sgoil an eilein ge-tà, agus a' mhòr-chuid den chloinn a tha a' dol a-steach dhan bhun-sgoil a-niste ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
"Mar as fhiosrach sibh 's e iadsan a tha anns a' mheadhan an trioblaid as motha," thuirt Rhoda.
'S e an òigridh a phiobrachadh gus Gàidhlig a chleachdadh agus gus bruidhinn ris an fheadhainn nas sine aig a bheil i an dùbhlan a tha an t-Urras a' faicinn air thoiseach orra.
Am measg na tha an t-Urras air a dhèanamh gus an cànan a chur air adhart, tha film de mu 30 de mhuinntir an eilein a' leughadh "An Oidhche Ron Nollaig" sa Ghàidhlig.
Facail Thirisdeach
Eadar leithid sin de phròiseactan agus tachartasan airson an cànan a chur air beulaibh dhaoine san eilean - agus air beulaibh luchd-turais - tha an t-Urras air na h-uimhir de shoirbheachas fhaicinn, a rèir Rhoda.
"Tha sinn air faicinn gu bheil rudan mar na farpaisean-ceist mar eisimpleir, agus na filmichean - gu h-àraidh am film a chuir sinn ri chèile sinn fhìn anns a' choimhearsnachd, gun do rinn sin eadar-dhealachadh gun do sheall iad do dhaoine gu bheil a' Ghàidhlig fhathast beò," thuirt i.
"Tha sinn fhathast a' sireadh maoineachaidh airson pròiseactan ùra a chur air dòigh, eadar-ghinealachdail mar gum b' e.
"A' feuchainn ri sgeulachdan agus cuimhnichean daoine a chur ann am format a tha ag obair do dhaoine nas òige cuideachd."
Tha an trì bliadhna de mhaoineachadh a tha an t-Urras a-niste air fhaighinn a' leigeil leotha plana a dhèanamh a tha nas seasmhaiche, tha Rhoda ag ràdh.
"Tha sinn air plana ùr fhoillseachadh dìreach aig toiseach na bliadhna," thuirt i.
"Tha sinn airson ìomhaigh na cànain a thogail anns an eilean le bhith a' cleachdadh fhacal a tha gu math Tirisdeach - facail mar "gasta" 's "gleusta".
"Tha sinn airson feuchainn ri an cur air lèintean-t agus air bagannan, 's dòcha mugannan, a' sealltainn do dhaoine a tha a' tadhal air an eilean gu bheil Gàidhlig ann."
- Air fhoillseachadhBho chionn 6 làithean
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh9 An t-Iuchar 2020