Dòmhnall Iain agus Leòdhas

Dòmhnall Trump aig seann dachaigh a mhàthar ann an Àird Thunga an LeòdhasTùs an deilbh, PA Media
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Dòmhnall Trump air tadhal air Leòdhas roimhe

  • Air fhoillseachadh

"Serious Scotland" - sin na thug an Ceann-Suidhe Trump air Eilean Leòdhais, eilean a mhàthar, ag ràdh gun robh Steòrnabhagh na "àite beag bòidheach".

Bidh Dòmhnall Trump a' dèanamh rud mòr às na ceanglaichean teaghlaich a th' aige ri Alba.

Cha bhi e a' tadhal air Leòdhas air an turas phrìobhaideach a tha e a' toirt air Alba an-dràsta ge-tà, agus gnothaichean "serious" eile ga chumail trang ann an Siorrachd Àir agus Siorrachd Obar Dheathain - golf agus beagan poileataigs air an taobh.

Fosglaidh e raon-goilf ùr air an oighreachd aige faisg air Obar Dheathain Dimàirt, air thoiseach air coinneimh leis a' Phrìomh Mhinistear John Swinney mus till e dhachaigh.

Ged a thigeadh e a Leòdhas ge-tà, dè seòrsa fàilte a gheibheadh e saoil?

Pàrras

Bha e ann roimhe, ann an 2008, ged nach do chuir e seachad ùine mhòr sam bith san eilean. Na sheasamh airson cothrom photo air stairsich seann dachaigh a mhàthar ann an Àird Thunga, 's falbh.

Air sràidean Steòrnabhaigh, tha beachdan measgaichte mu dheidhinn.

"Bhiodh e glè mhath," thuirt aon tè.

"Smaoinich fhèin an-dràsta, a h-uile duine againne le flag! Haoidh a bhalaich! Donald a' tighinn a Steòrnabhagh, 's air an rathad sìos gu Àird Thunga!

"Shealladh e a-mach an uinneig ann an Àird Thunga 's chitheadh e dìreach paradise tarsainn air a' mhuir chun an Rubha!"

Màiri Anna Trump na h-òigeTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Dh'fhalbh a mhàthair, Màiri NicLeòid à Àird Thunga, air a' Mhetagama a-null a New York

A Mhamaidh

Tha cuid a bhiodh coma co-dhiù ged a thigeadh no nach tigeadh.

"Chan eil e a' cur mòran dragh orm ma bha e ag iarraidh tighinn no mura robh," thuirt tèile.

"Thàinig am mamaidh aige à seo, so tha ceanglan aige."

Cha tigeadh buannachd à leithid de thuras, a rèir chuid eile.

"Chan eil mòran agam mu dheidhinn, agus cha chreid mi gun dèan e mòran airson an àite nan tigeadh e no nach tigeadh."

Ro Thrang

Soidhne ag ràdh "Nàire ort a Dhòmhnaill Iain"Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha cuid an Leòdhas a tha gun bheachd ro mhath air Dòmhnall Iain

Serious Scotland ann no às, tha cuid a theireadh nach robh e serious gu leòr airson duine dhe leithid.

"Tha esan beagan ro thrang airson tighinn suas ann an seo tha mi a' smaoineachadh," thuirt fear òg.

"An turas mu dheireadh a thàinig e suas, sheas e aig an doras an taighe aosta 's dh'fhàg e às dèidh dhà mhionaid.

"Cha robh really puing sam bith a' tighinn an robh?"

Bha cuid a bha rudeigin na bu thogarraiche mun duine, no co-dhiù ag ràdh gun dèanadh e feum dhan àite.

"Saoilidh mi gu bheil e a' dèanamh mearachd gun a bhith a' tighinn," thuirt fear.

"Bidh e a' dèanamh rud cho mòr mu bhith na Leòdhasach - no gur e bana-Leòdhasach a bha na mhàthair.

"Dh'fhaodadh e mòran a dhèanamh dhan bhaile. Dhan eilean.

"Ach nam bheachdsa, tha e... uill, cha chanamaid. Cha chanamaid."

"Tha mise airson 's gun tig e," thuirt tèile.

"Ach air an làimh eile, 's dòcha nach eil Steòrnabhagh ag iarraidh Mhgr Trump.

"Tha coltas gu bheil beachd aig daoine nach e duine uabhasach snog a th' ann."

Dùthchas

Ge b' e dè beachd muinntir an eilein, cha ghabh dùthchas Dhòmhnaill Iain ann an Leòdhas àicheadh.

"Cha chreid mi gu bheil sinn ga iarraidh an seo a bheil?" thuirt fear.

"Tha e ro bheartach. Cha bhuin e dhuinn dha-rìribh.

"Ged a tha e a' cumail a-mach gur ann à seo a bha a mhàthair.

"Ach am faod sinn a ràdh nach eil còir aig duine le ceangail màthar tilleadh an seo?

"Am faod? Chan fhaod.

"Ach chan eil sinn dha-rìribh ga iarraidh, a bheil?"