MV Loch Indaal air bhog
- Air fhoillseachadh
Chaidh an dàrna tè de bhàtaichean-aiseig ùra Ìle a chur air bhog anns an Tuirc.
Tha an MV Loch Indaal ga togail aig gàrradh Cemre, ann an Yalova, còmhla ris an MV Isle of Islay, a chaidh a chur air bhog sa Mhàrt.
Thèid an cur air seirbheisean Ìle agus Dhiùra còmhla.
Tha dùil gum bi i air a toirt seachad sa Ghearran an ath-bhliadhna.
Bidh i comasach air 450 neach-siubhail a ghiùlain, le 100 càr no 14 carbad coimearsalta.
Leudaichidh sin na tha e comasach aiseag eadar Ìle is tìr-mòr 40%.
Thèid a-niste obair a dhèanamh na broinn, mus dèanar deuchainnean mara oirre.
Thèid a h-ainmeachadh gu h-oifigeil an Alba an dèidh do chriuthaichean ChalMac eòlas a chur oirre agus an dèidh dheuchainnean ann an uisgeachan na h-Alba.