A' chiad chasg-siubhail eadar-nàiseanta air fear a thug ionnsaighean air boireannaich

Thachair cuid de na h-ionnsaighean ann an Loidse an Locha Duibh faisg air Allt nam Breac
- Air fhoillseachadh
Chaidh a' chiad chasg-siubhail eadar-nàiseanta ann an eachdraidh shiostam lagh na h-Alba a chur air Caoimhin Booth, a thug ionnsaighean corporra agus drabasta air boireannaich.
Thug Caoimhin Booth ionnsaighean air boireannaich so-leònta, cuid aca na dhachaigh ann an Gallaibh eadar 1998 agus an Dùbhlachd 2022.
Bha na poilis a' fàgail air gun robh e an sàs ann an trafaigeachd is dubh-shaothrachadh dhaoine, agus gun robh e a' dochann dhaoine agus a' toirt ionnsaighean drabasta orra.
Thuirt na poilis gun tug e na h-ionnsaighean air na boireannaich, a bha às an Rìoghachd Aonaichte agus bho thall thairis, mar "pheanasachadh".
Thachair cuid de na h-ionnsaighean anns dachaigh aig Booth ann an Loidse an Locha Duibh faisg air Allt nam Breac ann an Gallaibh.
Ann am breithneachadh sgrìobhte, thuirt an Siorram Niall MacUilleim gur e "ciùrradh" a bha anns na h-ionnsaighean.
Agus ghabh e ri iarrtas airson Booth a chasg bho a bhith a' siubhal taobh a-muigh na Rìoghachd Aonaichte fad còig bliadhna.
Thèid toirt air Booth na ceadan-siubhail aige a thoirt seachad agus feumaidh e fios a chur air na poilis 14 làithean ro làimh mus bi cead aige luchd-obrach boireann ùra fhastadh.
Feumaidh e cuideachd innse do na poilis ro làimh ma tha boireannach sam bith gu bhith a' tadhal air an dachaigh aige.