Buill ùra gan sireadh airson Bòrd Coimhearsnachd ChalMac

Glen Sannox ann an Loch nam Madadh
  • Air fhoillseachadh

Thathar a' coimhead airson riochdairean bho na sgìrean a tha an eisimeil sheirbheisean Chaledonian Mhic a' Bhruthainn airson Bòrd Coimhearsnachd na companaidh aiseig.

Chaidh a' bhuidheann neo-eisimeileach a stèidheachadh ann an 2017 mar dhòigh guth a thoirt do choimhearsnachdan air mar a ghabhas seirbheisean a leasachadh.

Tha eadar 12 agus 15 de bhuill air a' Bhòrd bho air feadh lìonra ChalMac, sna h-eileanan agus air tìr-mòr.

Bithear a' coinneachadh co-dhiù ceithir tursan sa bhliadhna ann an diofar àitichean.

'S e obair shaor-thoileach a th' ann ach gheibhear cosgaisean airson siubhail is eile air ais.

Thuirt Cathraiche Bhòrd Coimhearsnachd nan Aiseagan, Aonghas Caimbeul: "Bu chòir do thagraichean sealltainn gun tuig iad mar a bheir seirbheisean riatanach buaidh air coimhearsnachdan eileanach.

"Tha sinn airson ballrachd a bhith againn sa bheil barrachd iomadachd, òigridh agus daoine a thuigeas so-ruigsinneachd nam measg.

"Tha sinn airson bòrd a bhith ann a tha dha-rìribh a' riochdachadh nan coimhearsnachdan eadar-mheasgte againn."

Faodaidh tagraichean cur a-steach airson na h-obrach aig vacancies@davidmacbraynehr.co.uk ro Dhiluain an 12na den Chèitean.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu obair a' Bhùird an seo, taobh a-muigh.