Atharrachadh aiseig a' toirt buaidh air fèis Ceòlas

- Air fhoillseachadh
Tha tuilleadh mì-thoileachais ann an Uibhist a Deas agus atharrachadh air tighinn air clàr-ama ChalMac a bheir buaidh air fèis Ceòlas a tha a' tòiseachadh deireadh na seachdain seo.
Tha stiùirichean na fèise ag ràdh gun do gheall CalMac nach gluaiseadh iad an clàr-ama gu an dèidh an t-7mh là den Iuchar, a' ciallachadh gum faigheadh oileanaich agus luchd-ciùil dhan chuirm fhosglaidh Didòmhnaich.
Ach dh'atharraich CalMac an clàr-ama, taobh a-muigh feasgar Dimàirt, a' fàgail nach ruig am bàta Loch Baghasdail gu 8:35f.
Tha seo ri linn obair riatanach a bhith a dhìth air an MV Alfred.
"'S e Didòmhnaich an là mòr againn, far am bi daoine a' siubhal chun an eilein 's bidh na h-oileanaich a tha gus a bhith aig an sgoil-shamhraidh fad na seachdain bidh iad a' tighinn a-staigh 's bidh clàradh againn," thuirt Cathraiche Cheòlais, Iseabail NicAonghais.
"Tha na h-uairean clàraidh againn air an cur a-mach airson nan daoine a bhios a' tighinn far nam bàtaichean-aiseig.
"So tha dà uair de chlàradh againn airson na daoine sin fhaighinn.
"Agus cuideachd air an Didòmhnaich bidh cèilidh againn, cèilidh mhòr de thàlant ionadail Uibhist fhèin dìreach a' toirt fàilte dhan a h-uile duine a tha a' tighinn gu Ceòlas.
"Tha sin uile againn air an Didòmhnaich."
Ceud duine
Tha an t-atharrachadh cuideachd a' fàgail gum bi buaidh air an Diluain, 's aig oileanaich a thig far an aiseig Didòmhnaich an dèidh do thachartasan an là tighinn gu crìch ri chlàradh an ath-mhadainn nuair a bhios clasaichean na sgoile samhraidh a' tòiseachadh. Bheir sin buaidh air cha mhòr 100 duine.
"A-niste caillidh na daoine a tha a' tighinn gu Ceòlas ùine air a' mhadainn Diluain a chionn feumaidh an clàradh sin a-nis tachairt," thuirt a' Bh-Ua. NicAonghais.
"Thug iad gealltainn nach tigeadh atharrachadh sam bith air a' chlàr-ama chun an t-7mh là den mhìos.
"Bha sin a' dol a dh'obrachadh a-mach glè mhath dhuinne gum biodh na seòlaidhean ann air a' 5mh là 's air an t-6mh là, 's gheibheadh a h-uile duine a-staigh ann an àm airson tòiseachadh madainn Diluain.
"Bha an gealltainn sin air a dhèanamh cho faisg ri àm dinnearach an-diugh (Dimàirt) agus 's ann uair an uaireadair no dhà às a dhèidh sin a thàinig an clàr-ama a-mach agus bha na deitichean air atharrachadh.
"Bidh thu a' smaointinn nach eil fhios aig aon duine dè tha an duine eile a' dèanamh," thuirt i.
Fiosrachadh
Thuirt CalMac ge-tà, nach robh iad air gealltainn nach biodh atharrachaidhean ann, 's gun robh dà phlana aca, a' crochadh air co-dhiù biodh an MV Caledonian Isles ri fhaotainn.
Thuirt iad cuideachd gu bheil iad air a bhith a' conaltradh ris a' choimhearsnachd tron phròiseas.
"A thuilleadh air an fhiosrachadh sgrìobhte a thug sinn dhaibh, thadhail buidheann de dh'àrd-riochdairean ChalMac air na h-Eileanan Siar an t-seachdain a chaidh, agus choinnich iad madainn Diardaoin ri Buidheann Buaidh Ghnothachais Uibhist a Deas, 's bhruidhinn iad ris an fheadhainn a tha an sàs ann a bhith a' ruith Ceòlas," thuirt labhraiche na companaidh aiseig.
"Thug sinn dearbhadh dhaibh, ge b' e dè thachradh leis an MV Caledonian Isles, gun obraicheamaid gu dlùth le luchd-ruith agus luchd-siubhail a bh' air bucadh, a dhèanamh cinnteach gum biodh taic ann dhaibhsan air an tugadh buaidh".
Ann am brath ùr feasgar Diciadain, thuirt CalMac gu bheil iad a' coimhead ri seòladh an Isle of Mull air an t-6mh den Iuchar a ghluasad gus daoine fhaighinn a dh'Uibhist a Deas nas tràithe.
Chan eil sin cinnteach fhathast, thuirt iad, le feum air seòlaidhean eile às an Òban atharrachadh.
"Nuair a bha sinn a' bruidhinn mu dheidhinn nan roghainnean a bh' ann, bha sinn soilleir gum biodh seirbheis dhìreach fhathast aig coimhearsnachdan.
"Tha sinn a' tuigsinn nach e seirbheis chun an Òbain seach Malaig a b'fheàrr le daoine. Tha sinn ag obair còmhla ri Ceòlas".