Comhairle na Gàidhealtachd a' dèiligeadh ri cùis phàighidh

Comhairle na Gàidhealtachd
  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil iad a' dèiligeadh ri trioblaid a dh'adhbharaich gun deach cus pàighidh a thoirt dha faisg air 600 duine a chleachd a bhith ag obair aca.

Dh'innis a' Chomhairle aig toiseach na bliadhna gun do sheall sgrùdadh a chaidh a dhèanamh air na cunntasan aca airson 2022-23 gun robh mearachdan ann an dòighean pàighidh an ùghdarrais.

Thuirt iad aig an àm sin gun deach £863,000 a thoirt do dhaoine nach robh ag obair aca tuilleadh.

B' e trioblaidean le mar a bha daoine a bh' air an obraichean fhàgail gan clàradh air siostaman na Comhairle bu choireach.

Ann an aithisg ùr, dh'innis an t-ùghdarras ionadail gur e £614,092 an t-suim cheart a dh'fheumadh iad faighinn air ais, agus gun robh iad air 25% dhen sin a thrusadh mar-thà.

Tha iad air modhan-obrach ùra a stèidheachadh gus nach tachair seo a-rithist.

Mar phàirt dhen sin, thèid coimhead nas trice ris na liostaichean pàighidh aca.

Beachdaichidh comhairlichean air an aithisg an t-seachdain seo tighinn.