Sgitheanach fo chasaid muirt ga mheas fhèin mar fhulangaiche, chuala cùirt
- Air fhoillseachadh
Tha fireannach a tha fo chasaid gun tug e ionnsaighean le sgithinn agus le gunna san Eilean Sgitheanach agus air tìr-mòr ga fhaicinn fhèin mar fhulangaiche, chuala an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann.
Dh'innis lighiche-inntinn foireansach don chùis-lagha an aghaidh Fhionnlaigh Dhòmhallaich gun robh e a' fulang le post traumatic stress disorder agus trom-inntinn.
Thuirt an Dtr Alasdair Morris gun do dh'innis Mgr Dòmhnallach dha gun do bhris a shlàinte inntinn agus bodhaige, agus gun robh e duilich dha fad a bheatha dèiligeadh ri daoine agus suidheachaidhean.
Tha Mgr Dòmhnallach, 41, a' dol às àicheadh gun do dh'fheuch e ri a bhean agus dithis eile a mhurt. Chuir e air adhart dìon sònraichte nach robh e aige fhèin an co-cheangal ri casaid eile, gun do mhuirt e John MacFhionghain.
Thuirt an Dtr Morris gun robh Mgr Dòmhnallach, 41, "ga fhaicinn fhèin mar am fulangaiche sa h-uile càil seo".
Chuala a' chùirt roimhe gu bheil Mgr Dòmhnallach le autism, agus chaidh faighneachd don lighiche-inntinn mu aithisg a rinn saic-eòlas air.
Fianaisich eòlach
Thuirt e, nuair a thigeadh e do na casaidean air, nach robh an autism aige a' fàgail nach aithnicheadh e an diofar eadar ceàrr agus ceart agus nach b' urrainn dha chumail fhèin fo smachd.
Thuirt an Dtr Morris: "Dh'aontachainn gu bheil an ASD aige (autism spectrum disorder) aig ceann ìosal an speactraim."
'S e aon de cheathrar shaic-eòlaichean agus lighichean-inntinn a thathar an dùil a bheir seachad fianais aig a' chùis-lagha mar eòlaichean.
Thathar a' fàgail air Mgr Dòmhnallach gun do dh'fheuch e ri a bhean, Rowena Dhòmhnallach, 34, a mhurt air an 10mh den Lùnastal 2022 aig dachaigh an teaghlaich ann an Tarsgabhaig an Slèite an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich le bhith ga sàthadh grunn thursan.
Tha e cuideachd fo chasaid gun do mhuirt e a bhràthair-cèile, John MacFhionghain, air an aon là le bhith a' losgadh air le gunna aig a dhachaigh ann an Teanga san aon sgìre.
Tha dà chasaid eile na aghaidh gun do rinn e oidhirp air John Don MacCoinnich agus a bhean, Fay, a tha le chèile 65, a mhurt le bhith a' losgadh orra le gunna-froise nan dachaigh san Dòrnaidh air Taobh Siar Rois.
Tha a' chùis-lagha air beulaibh na Bana-Mhorair Druimeanach a' leantainn.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha
- Air fhoillseachadhBho chionn 2 làithean
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 3 làithean