Cathraiche CMF a' togail dragh mu staid nam meadhanan Gàidhlig an Alba

BBC Alba
  • Air fhoillseachadh

Thuirt cathraiche Fèis nam Meadhanan Ceilteach nach eil e a‘ faicinn adhartas a’ tighinn air suidheachadh nam meadhanan Gàidhlig ann an Alba.

Bha Ailean Esslemont roimhe na cheannard air prògraman aig MG Alba, mus do dh’fhàg e airson a bhith na cheannard aig TG4, seanail Gaeilge na h-Èireann, ann an 2016.

Bha e a' bruidhinn agus an fhèis ga cumail sa Chlochán Liath, ann an Conntaidh Dhùn nan Gall.

Fèis nam Meadhanan CeilteachTùs an deilbh, CMF
Fo-thiotal an deilbh,

Tha fèis na bliadhna-sa ann an Dùn nan Gall

A’ togail air suidheachadh BBC Alba, thuirt Mghr Esslemont;

“Chan eil taic an sin. Ma choimheadas thu air ais air nuair a thòisich BBC Alba, ‘s e glè bheag a bharrachd a tha aig BBC Alba an-dràsta, seach mar a bha againn nuair a thòisich sinn.

“Tha rud mòr ri dhèanamh ann an Alba, airson nam meadhanan gu lèir, ach gu h-àraid airson nam meadhanan Ghàidhlig.

“Chan eil mi a’ faicinn piseach a’ tighinn an sin, chan eil mi a’ faicinn adhartas a’ tighinn an sin. Tha mi an dòchas gun tig, ach tha fada a bharrachd dhòchais agam mun t-suidheachadh ann an Èirinn.”

Ach dh’aidich Mghr Esslemont gu bheil barrachd fhathast ri dhèanamh gus na meadhanan Gaelige ann an Èirinn a’ leasachadh.

“Tha fada a bharrachd ri dhèanamh againn ann an Èirinn, ach tha sin a‘ tighinn. Tha sinn air àrdachadh mòr fhaicinn anns na trì bliadhna a dh’fhalbh leis an riaghaltas an seo.

“Tha mi an dòchas gun tig àrdachadh a-rithst an ath bhliadhn’. Beag air bheag tha sinn a dèanamh adhartas, agus tha sin ri fhaicinn anns na prògraman a tha againn.”