Aonta 'son ìomhaigh shnaidhte a reic

An Ìomhaigh shnaidhteTùs an deilbh, HIGHLIFE NA GÀIDHEALTACHD
  • Air fhoillseachadh

Thug comhairlichean Gàidhealach cead seachad Diardaoin airson ìomhaigh shnaidhte luach còrr air £2.5m a reic.

Chaidh an ìomhaigh de Sir John Gòrdan a dhèanamh leis an neach-ealain Fhrangach Edme Bouchardon ann an 1728.

Bhòt buill 50 - 4 airson a reic.

Cheannaich Comhairle Baile Inbhir Ghòrdain an ìomhaigh ann an 1930 air £5, ach chaidh dìochuimhneachadh mu deidhinn airson deicheadan.

Chaidh a ràdh gun robh i air a cleachdadh aig aon àm airson doras a chumail fosgailte aig ionad-gnìomhachais.

Tha ceannaiche prìobhaideach air tairgse a chur gu Comhairle na Gàidhealtachd.

Bha comhairlichean ionadail air moladh gabhail ris an tairgse sin.

Thèid an t-airgead gu Maoin Mhaith Choitchinn Inbhir Ghòrdain agus thèid mac-samhail a dhèanamh den ìomhaigh, a thèid a thaisbeanadh.