Tuilleadh thrioblaidean trafaig sa Ghearasdan

An GearasdanTùs an deilbh, BEAR Scotland
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an obair ag amas air cùisean a dhèanamh nas goireasaiche do luchd-baidhseagail agus luchd-coiseachd

  • Air fhoillseachadh

Tha ball-pàrlamaid air càineadh a dhèanamh air Còmhdhail Alba mu obair rathaid a tha e a ag ràdh a tha a' cur ri trioblaidean trafaig a' Ghearasdain.

'S fhada bho nochd gearanan mu thrioblaidean trafaig anns a' bhaile ach tha e coltach gu bheil obair air slighe do bhaidhseagalan a thòisich an t-seachdain seo chaidh air cùisean a dhèanamh nas duilghe buileach.

Tha duil gum mair an obair air an t-slighe ri taobh an A830 suas gu faisg air deireadh an Fhaoillich.

'S e compananaidh nan rathaidean, BEAR Scotland, a tha a' dèanamh na h-obrach às leth Còmhdhail Alba.

Tha Aonghas Dòmhnallach, a tha a' riochdachadh Inbhir Nis, an Eilein Sgitheanaich 's Taobh Siar Siorrachd Rois, ag ràdh gu bheil sreathan mòra de charbadan a' feitheamh far a bheil an A830 agus an A82 a' coinneachadh air sgàth na h-obrach.

Thuirt e gu bheil e air feuchainn ri bruidhinn ri Còmhdhail Alba mun trioblaid ach nach eil e a' faighinn èisteachd.

"Sàbhailteachd"

Thuirt BEAR Scotland gu bheil iad mothachail gu bheil daoine a' gearan mu thriobaidean trafaig anns a' Ghearasdan ri linn na h-obrach seo, ach gum feum iad an trafaig a' stiùireadh airson an luchd-obrach aca, luchd-coiseachd agus dràibhearan a chumail sàbhailte.

Thuirt fear-labhairt bhon chompanaidh gun do roghnaich iad an obair seo a dhèanamh às dèidh nan saor-làithean gus nach toireadh e uiread de bhuaidh air luchd-siubhail.

Thuirt Còmhdhail Alba gu bheil iad air litrichean fhaighinn mun t-suidheachadh agus gum freagradh iad cho luath 's as urrainn dhaibh.