Suidheachadh èiginneach aig NHS na Gàidhealtachd seachad

Ospadal an Rathaig Mhòir
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Ospadal an Rathaig Mhòir air aon de na làraichean far an robh trioblaidean le siostam IT a' toirt buaidh

  • Air fhoillseachadh

Tha NHS na Gàidhealtachd ag ràdh nach eil iad a' dèiligeadh tuilleadh le suidheachadh èiginneach a ghairm iad nuair a thug trioblaidean leis an lìonra buaidh air siostaman didseatach.

Tha iad a' toirt taing dhan obair a rinn na sgiobaidhean aca agus buidhnean nàiseanta airson na siostaman IT a chur ceart agus thuirt iad gu bheil na seirbheisean aca air feadh an Gàidhealtachd a' dol mar as àbhaist.

Thuirt iad gum bu mhath leotha taing a thoirt don luchd-obrach, euslaintich agus na buidhnean eile a tha ag obair còmhla riutha airson a bhith cho tuigseach fhad 's a bha iad a' dèiligeadh ris a' chùis.

Dhearbh iad nach e ionnsaigh shaidhbeir a bh' ann, agus nach deach buaidh a thoirt air clàraidhean euslainteach.

Thuirt iad gun dèanadh iad ath-sgrùdadh mu na thachair feuch dè ghabhas ionnsachadh agus siostaman a neartachadh buileach.