Ceòl is Craic "an cunnart a dhol à bith"

Fo-thiotal a’ bhidio,

Eilidh NicÌomhair a' bruidhinn ri Alasdair MacGilleBhàin.

  • Air fhoillseachadh

Tha a' bhuidheann chulturail Ghàidhlig ann an Glaschu - Ceòl is Craic - ann an cunnart a dhol à bith.

Chan eil an t-slighe air adhart soilleir dhaibh 's iad a' call an dachaigh nuair a dhùineas an CCA air Sràid Sauchiehall airson grunn mhìosan.

Dh'innis an CCA roimhe, taobh a-muigh gun dùin iad eadar an Dùbhlachd is am Màrt gus "fòcas a chur air an t-suidheachadh ionmhais againn a chur ceart".

A thuilleadh air an dachaigh aca a chall san àm sin, tha suidheachadh an CCA cuideachd air bualadh air Ceòl is Craic ann an dòighean eile.

"Thug sin buaidh mhòr air an tagradh a chuir sinn a-steach bho chionn ghoirid gu Alba Chruthachail," mhìnich cathraiche Ceòl is Craic Alasdair MacGilleBhàin.

"Cha do shoirbhich leis an tagradh sin is 's e am prìomh adhbhar nach eil an CCA gus a bhith fosgailte.

"Mar sin, theirinn gu bheil e fìor a ràdh gu bheil Ceòl is Craic ann an cunnart."

Thuirt Mgr MacGilleBhàin gu bheil Ceòl is Craic a' feitheamh fios fhathast mu mhaoineachadh bho Alba Chruthachail san ùine fhada.

Tha iad aig an dearbh àm a' coimhead air roghainnean eile 'son taic-airgid fhaighinn.

Tha Mgr MacGilleBhàin ag ràdh gur e call mòr a bhiodh ann nan rachadh a' bhuidheann, a chaidh a stèidheachadh ann an 2004, à bith.

"Theirinn gu bheil na tha Ceòl is Craic a' dèanamh gu feum mòr, chan ann a-mhàin don choimhearsnachd ann an Glaschu, ged a bhios sinn gu mòr ag amas air daoine aig a bheil a' Ghàidhlig gu fileanta a thàladh chun nan cuirmean againn, bidh sinn a' feuchainn ri daoine aig nach eil a' Ghàidhlig a thàladh cuideachd.

"Saoilidh mi gu bheil e cudromach gun cuir sinn ceòl ùr sa Ghàidhlig, a tha adhartach is ealtanta, air àrd-urlar, tha sin fìor chudromach.

"Ach theirinn gu bheil e cuideachd cudromach gum bi sinn a' feuchainn ri sùil gheur a chur air cuspairean mòra a tha a' toirt buaidh air na Gàidheil agus air a' Ghàidhlig san là an-diugh.

"Tha sin aig cridhe a' phrògraim againn is tha sinn a' toirt chothroman do luchd-ciùil is luchd-ealain às a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan, a thuillleadh air àitichean eile air feadh an t-saoghail air uaireannan, dol an sàs anns na cuspairean sin is ceòl ùr, adhartach a dhèanamh a bhios a' dèiligeadh riutha".