Planaichean mun loidhne-dealain eadar an Spideal agus a’ Mhanachainn air atharrachadh

- Air fhoillseachadh
Chaidh na planaichean às ùire airson loidhne-dealain chonnspaideach eadar an Spideal ann an Gallaibh agus a' Mhanachainn fhoillseachadh.
Tha dragh air luchd-iomairt mu cho àrd 's a tha na crainn a tha san amharc is cho faisg 's a bhiodh iad air bailtean.
Thuirt SSEN gu bheil iad air èisteachd ri daoine agus gu bheil iad air na planaichean aca atharrachadh.
Roghnaich iad slighe nas fhaide a-staigh air an dùthaich aig Dùn Bheathadh, agus thuirt iad gu bheil iad a' coimhead ri diofar slighean aig Bun Ilidh agus tha iad a' feuchainn ri buaidh na loidhne-dealain a lùghdachadh aig Cùil Rathain agus Caisteal Chàrbasdail.
Tha iad cuideachd a' coimhead ri roghainnean eile ann an Cunndainn is Srath Pheofhair.

Gluaisidh an loidhne, a bhios 103 mìle de dh'fhaid, cumhachd ath-nuadhachail bho cheann a tuath na h-Alba chun a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.
Tha SSEN Transmission ag ràdh gun tig na ceudan chosnaidhean ùra às an leasachadh, a tha luach £20b.
Tha a' chompanaidh ag ràdh gum faigh coimhearsnachdan an ceann a tuath na h-Alba buannachdan luach £100m bhon leasachadh, agus gum faigh na daoine as fhaisge air an loidhne cumhachd nas saoire.
A thuilleadh air an sin, thuirt iad gun tèid 400 cosnaidhean ùra a chruthachadh anns a' cheann a tuath agus gun tèid 200 togalach a thogail - a bhios nan dachaighean nuair a bhios an obair deiseil.