Bile Ath-leasachaidh an Fhearainn aig an ìre mu dheireadh am Pàrlamaid na h-Alba

Sealladh air a' GhàidhealtachdTùs an deilbh, Maree NicNeacail
  • Air fhoillseachadh

Bidh an deasbad mu dheireadh air Bile Ath-leasachaidh an Fhearainn ann am Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt is Diciadain.

Bha dà la de dheasbad ann an t-seachdain seo chaidh ach le buill air cha mhòr 400 atharrachadh a chur air adhart cha deach crìoch a chur air cùisean.

Chuir trioblaidean teicnigeach sa phàrlamaid maill air cùisean cuideachd.

Tòisichidh an deasbad às ùr Dimàirt is dùil gum bi an seisean a' leantainn gu h-anmoch.

Thathar an dùil gum bi a' bhòt mu dheireadh ann Diciadian.

Tha am bile air a bhith connspaideach bho chaidh a thoirt air adhart bho thùs sa Mhart 2024 leis a' cho-bhanntachd riaghlaidh a bh' ann eadar an SNP is na h-Uainich.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba aig an àm nach robh e ceart gu bheil "sealbh is smachd air tòrr de dh'fhearran na h-Alba fhathast ann an làmhan àireamh an ìre mhath beag de dhaoine".

Thuirt iad gun robh iad 'son "cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan barrachd chothroman a bhith aca sealbh a ghabhail air fearann".

Bhiodh cumhachdan ann do mhinistearan oighreachd mòra a bhristeadh an-àirde nuair a tha iad air an reic, a' toirt cothrom do choimhearsnachdan sealbh a ghabhail air pìosan fearainn nas lugha.

Tha am bile cuideachd airson uallach laghail a chur air uachdarain mhòra sealltainn mar a tha iad a' cur fearainn gu feum is conaltradh a dhèanamh le coimhearsnachdan.

Ach tha draghan air a bhith ann tro shlighe a' bhile tron phàrlamaid.

Tha luchd-iomairt ag ràdh nach eil e a' dol fada gu leòr is am fear-iomairt Andy Wightman ag ràdh nas tràithe am-bliadhna gur e "am bile as laige" air a' chuspair a chunnaic Pàrlamaid na h-Alba a-riamh.

Tha draghan ann cuideachd gu bheil am bile cus ro thoinnte.

A' bruidhinn air thoiseach air an deasbad an t-seachdain seo chaidh, dh'iarr Mgr Wightman agus am fear-lagha Don MacLeòid, a tha a' riochdachadh uachdaran mòra fearainn, gum bu chòir stad a chur air a' phròiseas agus am bile a thilleadh gu ìre comataidh gus barrachd sgrùdaidh a dhèanamh air.

Thuirt Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Màiri Gougeon, gu bheil Riaghaltas na h-Alba air a bhith ag obair gus am bile a neartachadh.

Tha i ag ràdh gu bheil am bile "àrd-amasach mu atharrachaidhean a dhèanamh do choimhearsneachdan dùthchail agus eileanach".

Tuilleadh air an sgeulachd seo