Cathraiche ùr HIE: "na làithean as fheàrr air thoiseach oirnn"

Aonghas Caimbeul
  • Air fhoillseachadh

Thuirt Cathraiche ùr Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) gu bheil an sgìre air starsaich linn ùir de dh'fhàs eaconamach.

Chaidh Aonghas Caimbeul dhan dreuchd is 60 bliadhna ann chun an là o thòisich Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtadhd 's nan Eilean (HIDB).

Thòisich an teirm aig Mgr Caimbeul mar chathraiche air HIE gu h-oifigeil Disathairne 1mh den t-Samhain.

Cha robh ach sianar ag obair aig an HIDB nuair a chaidh a stèidheachadh.

Tha an sgìre fo bhrataich HIE a' gabhail a-steach na sgìre eadar Sealtainn is Earra-Ghàidheal, Innse Gall agus Moireibh.

Bho 1965, tha na tha a' còmhnaidh anns an sgìre air èirigh còrr air 23% gu 470,000.

Bhon uairsin cuideachd, tha sgìre na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' cur 8.5% ris an eaconamaidh Albannach, suas bho 2%.

'S e fear-gnothachais à Leòdhas a th' ann am Mgr Caimbeul. Bha e cuideachd na Cheannard air Comhairle nan Eilean Siar tòrr den 18 bliadhna a bha e na chomhairliche.

Bha e na bhall de bhòrd NàdarAlba agus bha e cuideachd na chathraiche air Bòrd Coimhearsnachd nam Bàtaichean-aiseig nuair a thòisich e.

Tha e a' cur a thaic ri Gàidhlig agus cultar agus tha e gu mòr airson uachdaranas coimhearsnachd.

Cothroman

Tha deichnear chathraichean air a bhith air HIE agus an HIDB bho 1965. Tha Mgr Caimbeul ag ràdh gum bi cothroman mòra air thoiseach air an sgìre thar an ath 10 no 15 bliadhna.

Nas tràithe am-bliadhna, dh'fhoillsich HIE buil an rannsachaidh a rinneadh air Compàirteachas Eaconamach Sgìreil na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Cho-dhùin sin gu bheil 251 pròiseact leasachaidh aig diofar ìrean anns an amharc agus gu bheil iad sin aig luach £100.35bn thar an ath 15 bliadhna.

Thuirt iad gum faodadh 16,000 dreuchd aig a' char as àirde tighinn an cois nan leasachaidhean togail le suas ri 18,000 dreuchd stèidhichte ro 2040.

Thuirt Mgr Caimbeul: "Rinn an aithisg a chaidh fhoillseachadh sa Chèitean am-bliadhna tomhas airson a' chiad turas air cho mòr 's a tha na cothroman gu bhith air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan an-dràsta agus anns na bliadhnaichean a th' air thoiseach."

Tha 250 FTE (co-ionnann le làn-ùine) neach-obrach aig HIE ann an 13 oifis air feadh na sgìre agus ann am meadhan na h-Alba. Tha iad a' cur taic ri na ceudan ghnothachasan, iomairtean sòisealta agus ri coimhearsnachdan ann a bhith a' fàs agus a bhith innleachdach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo