Cha stèidhichear sòna beag-thruaillidh an Inbhir Nis aig an ìre seo

Càraichean air sràidTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chan eil Comhairle na Gàidhealtachd am beachd sòna beag-thruaillidh a stèidheachadh ann an Inbhir Nis.

Tha seo agus an t-ùghdarras ionadail ag ullachadh airson pàirt a ghabhail ann an iomairt nàiseanta Là an Adhair Ghlàin, a tha ag amas air aire a tharraing dha na cunnartan slàinte a tha an lùib truailleadh adhair.

Tha sgeamaichean beag-thruaillidh, a tha stèidhichte mar thà ann an leithid Ghlaschu, Dhùn Èideann agus Obar Dheathain, ag amas air truailleadh a ghearradh le bacadh a chur air cuid de charbadan.

Choimhead Comhairle na Gàidhealtachd ri sòna beag-thruaillidh a stèidheachadh o chionn dà bhliadhna, ach chuir iad na aghaidh leis gun robh obair leantainneach a' dol air adhart air Sràid na h-Acadamaidh.

Thuirt a' Chomhairle nach eil iad a' beachdachadh air a leithid an-dràsta, leis gu bheil targaidean gan coileanadh.

"Tha sinn a' faireachdainn, le mar a tha barrachd is barrachd charbadan dealain ann, nach bi sin a dhìth a' dol air adhart," thuirt Shirley Ros, a tha na h-oifigear saidheansail aig a' Chomhairle.

"Ach tha sinn a' sìor chumail sùil air càilleachd an adhair ann am meadhan a' bhaile airson dèanamh cinnteach gu bheil sinn a' cumail ris na h-ìrean a th' ann," thuirt i.

Tha a' Chomhairle a' cur ìmpidh air sgoiltean pàrantan a bhrosnachadh cuideachadh le càilleachd an adhair.

"Tha sinn air a dhol air ais dha na sgoiltean far a bheil sinn air a bhith a' measadh càilleachd an adhair, 's tha sinn a' cur ìmpidh air na sgoiltean sin an iomairtean fhèin a ruith a tharraing aire gu einnseanan a bhith air am fàgail a' dol," thuirt i.

"Airson dèanamh cinnteach gum bi fios aig pàrantan gum bu chòir dhaibh an einnsean a chur dheth 's iad a' leigeil 's a' togail chloinne aig an sgoil, feuch an adhar a ghlanadh."