Chaidh cur às do leasachadh Sràid na h-Acadamaidh an Inbhir Nis

Fo na molaidhean a bh' ann, dheadh càraichean a chasg bhon t-sràid
- Air fhoillseachadh
Chaidh cur às do phlanaichean gus obair-leasachaidh a dhèanamh air Sràid na h-Acadamaidh ann an Inbhir Nis, aig coinneimh de Chomhairle na Gàidhealtachd.
Dh’aontaich comhairlichean gun a dhol air adhart leis na planaichean tuilleadh.
Bhathas a' dol a chur casg air càraichean air an t-sràid - tè de na sràidean as trainge sa bhaile - agus an t-sràid air a chomharrachadh mar an tè as miosa an Alba airson truailleadh adhair.
Ach thog mòran ghnothachasan an guthan an aghaidh a' phlana, 's dragh ann mun bhuaidh a bheireadh na planaichean orra.
"Plana-gnìomha"
Thuirt Ionad an Eastgate, a bha am measg na bha air cur an agaidh an leasachaidh, gu bheil iad "taingeil gu bheil beachdan ciallach air soirbheachadh".
Dh'innis iad ge-tà, gur e briseadh-dùil a th' ann gun deach an sgeama a thilgeil às gu tur, is iad ag ràdh gu bheil feum air piseach a thoirt air Sràid na h-Acadamaidh.
Thuirt iad gum faodadh an sgeama mar a bha air sgrios a dhèanamh air gnothachasan.
Tha iad ag ràdh gum bu chòir do Chomhairle na Gàidhealtachd a-nise tighinn air adhart le plana-gnìomha do mheadhan Inbhir Nis air fad.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh2 An t-Sultain 2024
- Air fhoillseachadh30 An Lùnastal 2024
- Air fhoillseachadh24 An t-Samhain 2022
- Air fhoillseachadh25 An Giblean 2024